‘Seachdain Ionnsachaidh’
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Aig àm na Càisg (Easter time) 2010, tha Stòras Uibhist a’ toirt cothrom air leth do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha Seachdain Ionnsachaidh air chur seachad ann an Uibhist a Deas gus an cuid Gàidhlig a thoirt air adhart troimh bhogadh sa chànain (through immersion in the language).
Thèid an t-seachdain a chumail (will be held) ann an Loidse na h-Oighreachd ann an Gròigearaidh, le biadh agus àite-fuirich mar phàirt den t-seachdain. Gach madainn bidh leasan Gàidhlig ann, agus anns an fheasgar bidh cur-seachadan (activates) air an cur air dòigh air an lìbhrigeadh (given / delivered) tron Ghàidhlig mar choiseachd air na cnuic (hill) ’s air a’ mhachaire agus cuairt dhan taigh-tasgaidh (museum). Bidh bana-bhàrd às an sgìre (local bard) ag innse mu beatha fhèin agus gar toirt air turas gu taobh-an-ear Bheinn na Faoghla. Ma cheadaicheas an t-sìde (weather permitting) thèid sinn air turas a Mhiùghlaidh, eilean aig ceann a-deas na h-Eileanan-an-Iar a dh’fhanas nur cuimhne. Bidh spòrs gu leòr ann air an oidhche le dannsa traidiseanta, òrain, cèilidhean agus ceòl. Mar sin bheiribh leibh ar n-ionnstramaidean (instruments)!
‘S e cothrom air leth a tha seo do luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-mheadhanach (intermediate level) bogadh fhaighinn ann an dualachas nan eilean agus a’ Ghàidhlig aca a leasachadh. Faodaidh iad (they can) an uair sin a toirt beò ann an suidheachadh nàdarra ann an togalach a tha an dà chuid eachdraidheil agus èireachdail.
Bidh am prògram a’ ruith bho 10 uairean madainn Diluain 5mh dhen Ghiblean (April), leis a h-uile duine a fagail madainn Disathairne 10mh Giblean.
Airson tuilleadh fiorsachaidh thèid gu www.storasuibhist.com
no
cuiribh fios gu Deirdre NicEachainn air 01878 700101
no
air post-dealain deirdre.maceachen@storasuibhist.com


There are no comments on this item.