Obraichean
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Tha Bòrd na Gàidhlig a coimhead airson luchd-obrach (staff) ùr. Leugh airson barrachd (more) fiosrachadh.
• Oifigear Fiosrachaidh Stiùiridh
Tuarastal: £20k-25k
Tha an dreuchd seo ga tairgsinn air cunnradh geàrr-ama gu 31 Màirt 2011. Dh’fhaodadh gun gabhar ri suidheachadh fo-fhastaidh. Cunntachail airson lorg/trusadh, mìon-sgrùdadh, mìneachadh agus taisbeanadh dàta, air prìomh chomharran/ceuman coileanaidh is targaidean ro-innleachdail is obrachaidh a’ Bhùird. Cur-a-steach agus am fiosrachadh stiùiridh as ùire a sholarachadh a thaobh adhartas agus coileanadh plana, gus co-dhùnaidhean obrachaidh agus ro-innleachdail fhiosrachadh.
• BÒRD NA GÀIDHLIG & COMHAIRLE EALAIN NA H-ALBA OIFIGEAR LEASACHAIDH – EALAIN GHÀIDHLIG
Tuarastal: £24171 – £39385
Tha an dreuchd seo air a co-mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle Ealain na h-Alba. Tha dleastanas sònraichte air an dreuchd seo gus an Ro-Innleachd Ealain Nàiseanta ath-ùrachadh agus a thoirt gu buil. Mar phàirt den sgioba seo, bidh am prìomh earrann den dreuchd agad an lùib co-òrdanachadh agus leasachadh iomairtean agus gnìomhachdan ealain Ghàidhlig air feadh na h-Alba.
Ged a bhios an dreuchd stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, bidh e riatanach a bhith a’ siubhal air feadh Alba. Tha e deatamach cuideachd a bhith deònach uairean sùbailte obrachadh a’ gabhail a-steach feasgar agus deireadh seachdain mar a bhios iomchaidh.
• Co-òrdanaiche Pròiseict (Colmcille) Gaoth Dobhair no ann an Alba
Tuarastal: £41,317 - £52,444
Tha Colmcille airson Co-òrdanaiche Pròiseict fhastadh. Bidh an neach stèidhichte ann an Gaoth Dobhair (Oifis Fhoras na Gaeilge) no ann an Alba.
Bidh dleastanas air an neach a dh’fhastaidhear, prògram Gaeilge/Gàidhlig cuimsichte air a’ cheangal eadar an luchd-labhairt ann an Èirinn agus Alba a leasachadh agus a chur an gnìomh, agus a bhith ag obair ann an dlùth cheangal ri buill bhuidhnean eile air pròiseactan agus iomairtean iomchaidh eile.


There are no comments on this item.