- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Buidhnean
Tha grunn bhuidhnean a chaidh a stèidheachadh gu sònraichte gus dèiligeadh ri cùisean Gàidhlig ann an diofar raointean de ar beatha. ’S ann a thaobh leasachadh a’ chànain a tha cuid a bhuidhnean mar Bòrd na Gàidhlig agus Comann na Gàidhlig ag obair; tha feadhainn eile ag obair fo amasan nas mionaidiche, mar tuilleadh leabhraichean Gàidhlig fhoillseachadh, ceanglaichean a dhèanamh eadar Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann, adhartas ann am foghlam Gàidhlig, piseach a thoirt air na h-ealain Ghàidhlig agus mar sin air adhart.
Cuideachd a-nis, tha àireamh bhuidhnean ann, buidhnean poblach gu math tric, a tha a’ dèanamh oidhirp Gàidhlig a ghnàthachadh san obair aca. Mar eisimpleir, fo Achd na Gàidhlig thathar ag iarraidh air taghadh de bhuidhnean planaichean Gàidhlig a chruthachadh a bhios a’ fighe Gàidhlig a-steach don obair aca gu ìre iomchaidh. Leis an reachdas ùr, tha sinn a’ faicinn barrachd is barrachd bhuidhnean poblach a’ feuchainn ri ceangal a dhèanamh ri Gàidhlig.
An uair sin tha buidhnean coimhearsnachd a tha a’ cur Gàidhlig aig cridhe cuid den obair aca, mar eisimpleir, na Comainn Eachdraidh sna h-Eileanan Siar. Gheibhear buidhnean Gàidhlig coimhearsnachd, no buidhnean dràma Gàidhlig, no còisirean Gàidhlig. Aig deireadh an latha, dh’fhaodadh buidheann sam bith a dhol an sàs ann an Gàidhlig, chan fheum iad a bhith nam ‘buidhnean Gàidhlig’. Ma tha thusa ag obair do no a’ cur seachad ùine còmhla ri buidheann, dh’fhaodadh tu a ràdh gu bheil taobh Gàidhlig aig a’ bhuidheann sin. Tha e cho sìmplidh sin.
Innis dhuinn mur buidheann Gàidhlig.
