Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Susbaint Neo-cheadaichte.

Buidhnean (Organisations)

Tha tòrr bhuidhnean Gàidhlig ann a bhios ag obair air diofar rudan. Bidh buidhnean mar Bòrd na Gàidhlig agus Comann na Gàidhlig ag obair air leasachadh na Gàidhlig (Gaelic development). Bidh buidhnean eile ag obair air foghlam Gàidhlig, no leabhraichean Gàidhlig agus iomadh rud eile.

Dh’fhoillsich (Published) Riaghaltas (Government) na h-Alba Achd na Gàidhlig (the Gaelic Act) ann an 2005. Agus thòisich buidhnean poblach (public) eile a’ cleachdadh beagan Gàidhlig san obair aca an uair sin. Chan e buidhnean Gàidhlig a bh’ annta, ach bha iad ag iarraidh gum biodh taobh (side/dimension) Gàidhlig orra.

Tha buidhnean anns na coimhearsnachdan (communities) cuideachd. Tha buidhnean ann a tha a’ dèanamh dràma Gàidhlig, còisirean Gàidhlig, agus buidhnean a tha a’ coimhead air eachdraidh Ghàidhealach. Faodaidh buidheann sam bith a bhith na bhuidheann Gàidhlig. Ma tha daoine le Gàidhlig a’ tighinn còmhla, ’s e buidheann Gàidhlig a th’ ann. Chan eil e gu diofar (it makes no difference) carson. Innis dhuinn mun bhuidheann Ghàidhlig agaibh.

Follow us on: