Tha an airgead, £80,000 gu h-iomlan (in total), ri fhaotainn tro (made available through) thrì sgeamachan-taic a tha gu bhi a’ dol eadar seo agus deireadh an t-Sultain (September). ‘S ann tro chùmhnant (contract) ChnaG le Iomairt na Gàidhealtachd (InG) a tha na sgeamaichean air steidheachadh.
Anns a’ cheud àite, tha Sgeama Soidhnichean ‘s Margaideachd (Signage and Marketing). Tha luach £25,000 anns an sgeama seo uile gu lèir, agus tha e fosgailte do chompanaidhean prìbheideach (private companies), iomairtean sòisealta (social enterprises), neo buidhnean coimhearsnachd (community groups) agus carthannach (charities) ann an sgìre InG. Faodaidh na buidhnean neo companaidhean taic airgid de suas ri £2,000 fhaighinn aig ìre suas ri 70% de chosgaisean ma tha sin freagarrach, airson soighnichean dà-chànanach air toglaichean, carbadan (vehicles), air neo airson goireasan margaideachd (marketing materials) eile. Tha an sgeama seo air a bhi air leth soirbheachail (successful) anns na bliadhnachan a chaidh seachad, le mun cuairt ceud buidhean neo companaidhean air feum a dhèanamh dheth (made use of it).
‘S an dàrna àite, tha Sgeama Ùr-ghnàthachaidh Gàidhlig (Gaelic Innovation Fund). Tha luach £20,000 anns an sgeama seo gu h-iomlan agus tha e fosgailte do bhuidhnean a tha stèidhichte (based) ann an sgìre InG. Faodaidh buidheann neo companaidh suas ri £15,000, aig ìre suas ri 90% de chosgaisean, fhaighinn airson pròiseactan ùr-ghnàthaichte (innovative) a chuir an sàs, ceangailte ris a’ Ghàidhlig. Bhon sgeama seo thathas gu sònraichte ag amas pròiseactan a dh’fhaodadh a leasachadh ‘s a thoirt chun mhargaidh (market) rè ùine, anns na prìomh roinnean (sectors) chudromach de dh’eaconamaidh na sgìre the area’s economy). ‘S iad sin: gnìomhachasan cruthachail (creative industries); cumhachd (energy); seirbheisean ionmhas (financial) agus gnothachais (business); biadh agus deoch; saidheans beatha (life sciences); agus turasachd (tourism).
Mu dheireadh tha Sgeama Ath-bheothachaidh Coimhearsnachd (Community Regeneration). Tha luach £35,000 anns an sgeama seo, tha e fosgailte do bhuidhnean carthannach (charity groups), buidhnean coimhearsnachd (community groups) neo iomairtean sòisealta (social enterprises). A bharrachd air seo(furthermore), tha an sgeama seo a-mhàin (exclusive) dha buidhnean a tha anns na ‘sgìrean dùbhlanach’ (‘fragile areas), mar a tha iad seo air an comharrachadh (defined or distinguished) le InG. Tha seo a’ gabhail a-steach a mhòr-chuid den chost an iar (west coast); ceann a tuath an t-Eilean Sgiathanaich; agus na h-Eileanan an Iar, ach a-mhàin sgìrean an Rubha agus a’ Bhac.
Fon sgeama seo thathas gu h-àraidh ag amas air pròiseactan a bh’air piseach (improvement) air beatha-coimhearsnachd, agus far am bheil a’ Ghàidhlig aig cridhe a’ gnothach. Dh’fhaodadh seo toirt a-steach pròiseactan cùram-chloinne (childcare projects); barrachd cleachdadh Gàidhlig ‘s a’ choimhearsnachd neo air rèidio ionadail; trèanadh a bheir piseach air cothroman-cosnaidh ‘s a’ Ghàidhlig; neo tachartasan stèidhichte air dualchas agus cultar na sgìre. Bhon sgeama seo faodaidh buidhnean suas ri £10,000 fhaighinn aig an ìre as àirde, aig ìre 70% de chosgaisean ma tha sin iomchaidh.
Thuirt Ceannard (Chief Executive)Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill; “Tha sinn ro-thoilichte (delighted) a bhi ag obair as leth Iomairt na Gàidhealtachd gus na sgeamaichean chudromach is feumail seo an cur an sàs (launch). Cha ghabh e àicheadh (it can’t be denied), ‘s an latha a th’ann, gum bheil cothroman ann do chompanaidhean, agus coimhearsnachdan a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig, buannachd (benefit) a thoirt às. Aig CnaG tha sinn dhan bheachd gum bheil na sgeamaichean seo nam meadhan air daoine bhrosnachadh gus brath a’ ghabhail air na cothroman sin.
“Tha e follaiseach (it’s clear), saoilidh mi, gum bheil na sgeamachan seo feumail air fad, ach tha uidh sònraichte againn anns an sgeama a tha ag amas air pròiseactan ùr-ghnàthach. Leis an taic seo, cò aige tha fios dè dh’fhaodadh tighinn às? Teicneòlas neo pròiseact ùr a bheir a’ Ghàidhlig gu aire an t-saoghal?”
Thuirt Alasdair MacLeòid, Oifigear Leasachaidh (Development Officer) Gàidhlig Iomairt na Gàidhealtachd: “Aig Iomairt na Gàidhealtachd tha sinn fada, fada dhan bheachd gur e rud bunaiteach a th’anns a’ Ghàidhlig air feadh a’ mhòr chuid den sgìre againn – is aig an àm seo, tha sinn a cheart cho làidir nar smuaintean (of the opinion) gum bheil a’ chànan na meadhan air leth gus an tuilleadh leasachadh eaconamach is coimhearsnachd a thoirt gu buil. Leis a sin, tha sinn toilichte nis gum bheil na sgeamaichean seo air an cuir air dòigh le CnaG, agus mholadh (urge) sinn do bhuidheann neo companaidh sam bith aig am bheil ùidh unnta, sùil a thoirt air am fiosrachadh a tha ri fhaotainn (available), agus an uairsin bruidhinn ri oifigearan ChnaG.”
Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu na sgeamaichean ri fhaighinn air làrach-lìn ChnaG aig www.cnag.org.uk air neo le bhi fònadh oifisean ChnaG ann an Steòrnabhagh (01851 701802) neo Inbhir Nis (01463 234138).
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.