Maoin (Fund)- Cuideachadh do Luchd-ionnsachaidh Ùra
Bidh Clì Gàidhlig a’ cur gu deuchainn (testing or piloting) sgeama taic-airgid (grant-support) airson luchd-cleachdaidh ùra aig a bheil ùidh ann an ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh Clì Gàidhlig a’ toirt taic do leudachadh ann an chleachdadh a’ chànain le togail àireamhan nan daoine a’ dol gu clasaichean Gàidhlig. Ni a’ mhaoin seo e comasach (possible or achievable) do Chlì daoine, aig nach eil taic-airgid an dràsta, a chuideachadh (help/aid).
Anns an iomairt Cliù, faodaidh Clì Gàidhlig cuideachadh a thoirt do dhaoine le cosgaisean dìreach (direct) anns na roinnean a leanas (the following areas):-
Cùram-cloinne (Childcare)
Siubhal
Àiteachan-fuirich
Daoine gun cothrom (unsuccessful) air taic-airgid ILA
Cosgaisean a bharrachd ceangailte ri duilgheadasan le gluasadachd/ciorram (Added costs incurred because of mobility/disability problems)
Tabhartas-airgid aon uair a-mhàin (one-off set-up grant) airson daoine ùra gus cùrsaichean Gàidhlig a chur air chois
Cò dha a tha an sgeama (Who can apply)?
Bidh maoin ann airson na daoine a tha a’ tòiseachadh air ionnsachadh na Gàidhlig, no luchd-ionnsachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig mu thràth (already) agus a tha airson tòiseachadh as ùr gus a’ chànain a thogail gu ìre adhartach (a more advanced level). Bidh tagraichean (applicants) a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cùrsa, anns a bheil ùidh aca, clàraichte agus air a chur suas gu cheart (constituted and registered). Faodaidh cùrsaichean a bhith air an ruith le ùghdarras ionadail (local authorities), colaistean ionadail (local collages), Clì Gàidhlig agus solaraichean (providers) eile nan cùrsaichean Gàidhlig.
Feumaidh Tagraichean a bhith 16+.
Feumaidh Tagraichean a bhith fuireach ann an Alba.
Fios air Iarrtasan (Application Information)
Lìon foirm-iarrtais (application form) a-staigh a tha ri fhaotainn(available) às (from) an oifis Clì Gaidhlig, 1 – 4 Taigh Rèile na Gàidhealtachd, Sràid na h-Acadamaidh, Inbhir Nis IV1 1LE no air an làrach-lìn againn www.cli.org.uk.
Chan fhaigh duine sam bith cuideachadh às dèidh dha tòiseachadh air cùrsa. Bidh an tagradh (application) feumach air cead (approval) bho Chlì Gàidhlig mus tòisich an neach-ionnsachaidh air cùrsa sam bith. Chan fhaigh tagraiche ach aon tairgse a-mhàin de chuideachadh ionmhasail (financial) anns a’ bhliadhna-ionmhais (financial year). Chan eil a’ mhaoin seo ach glè bheag an-dràsta agus ‘s ann le Clì Gàidhlig a bhios am facal mu dheireadh(final decision) a thaobh na taice-airgid. Bidh Clì Gàidhlig a’ gleidheadh na còrach dàil (suspension) a chur air tagraidhean nuair a tha a’ mhaoin caithte (spent or exhausted). Bidh Clì Gàidhlig a’ cumail sùil air an sgeama agus nì sinn atharrachadh, ma bhios feum air, gus cothromachd agus cunntachalachd na maoin a chumail suas.
Tha Clì Gàidhlig an comain (grateful) Bòrd na Gàidhlig, a’ Bhuidheann Leasachaidh Nàiseanta airson àrdachadh na Gàidhlig, airson a’ chuideachadh ionmhasail (financial aid) a thug iad don iomairt seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu:-
Seonag Anderson, Manaidsear Chùrsaichean, Clì Gàidhlig, Fòn : 01463 226710, Post-dealain seonag@cli.org.uk
Clì Gàidhlig, buidheann cothruim is adhartachaidh na Gàidhlig.
Amasan
• Ionnsachadh is inbhe (status or rank) nàiseanta na Gàidhlig a bhrosnachadh
• Fiosrachadh air Gàidhlig is cùisean Gàidhlig a sgaoileadh (share or spread)
• Beachd luchd-ionnsachaidh is fileantaich (fluent speakers) ùra na Gàidhlig a chur an cèill
Bidh ‘Cothrom’, an raitheachan do bhuill Chlì Gàidhlig agus an làrach-lìn aig Clì www.cli.org.uk nan goireasan tarraingeach is fiosrachail do luchd-ionnsachaidh.
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.