Maoin - Cuideachadh do Luchd-ionnsachaidh Ùra
Bidh Clì Gàidhlig a’ cur gu deuchainn sgeama taic-airgid airson luchd-cleachdaidh ùra aig a bheil ùidh ann an ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh Clì Gàidhlig a’ toirt taic do leudachadh ann an chleachdadh a’ chànain le togail àireamhan nan daoine a’ dol gu clasaichean Gàidhlig. Ni a’ mhaoin seo e comasach do Chlì daoine, aig nach eil taic-airgid an dràsta, a chuideachadh.
Anns an iomairt Cliù, faodaidh Clì Gàidhlig cuideachadh a thoirt do dhaoine le cosgaisean dìreach anns na roinnean a leanas:-
Cùram-cloinne
Siubhal
Àiteachan-fuirich
Daoine gun cothrom air taic-airgid ILA
Cosgaisean a bharrachd ceangailte ri duilgheadasan le gluasadachd/ciorram
Tabhartas-airgid aon uair a-mhàin airson oidean ùra gus cùrsaichean Gàidhlig a chur air chois
Cò dha a tha an sgeama?
Bidh tagraichean nan daoine a tha a’ tòiseachadh air ionnsachadh na Gàidhlig, no luchd-ionnsachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig mu thràth agus a tha airson tòiseachadh as ùr gus a’ chànain a thogail gu ìre adhartach. Bidh tagraichean a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cùrsa, anns a bheil ùidh aca, clàraichte agus air a chur suas gu cheart. Faodaidh cùrsaichean a bhith air an ruith le ùghdarras ionadail, colaistean ionadail, Clì Gàidhlig agus solaraichean eile nan cùrsaichean Gàidhlig.
Feumaidh Tagraichean a bhith 16+.
Feumaidh Tagraichean a bhith fuireach ann an Alba.
Fios air Iarrtasan
Lìon foirm-iarrtais a-staigh a tha ri fhaotainn às an oifis Clì Gaidhlig, 1 – 4 Taigh Rèile na Gàidhealtachd, Sràid na h-Acadamaidh, Inbhir Nis IV1 1LE no air an làrach-lìn againn www.cli.org.uk .
Chan fhaigh duine sam bith cuideachadh às dèidh dha tòiseachadh air cùrsa. Bidh an tagradh feumach air cead bho Chlì Gàidhlig mus tòisich an neach-ionnsachaidh air cùrsa sam bith. Chan fhaigh tagraiche ach aon tairgse a-mhàin de chuideachadh ionmhasail anns a’ bhliadhna-ionmhais. Chan eil a’ mhaoin seo ach glè bheag an-dràsta agus ‘s ann le Clì Gàidhlig a bhios am facal mu dheireadh a thaobh na taice-airgid. Bidh Clì Gàidhlig a’ gleidheadh na còrach dàil a chur air tagraidhean nuair a tha a’ mhaoin caithte. Bidh Clì Gàidhlig a’ cumail sùil air an sgeama agus ni sinn atharrachadh, ma bhios feum air, gus cothromachd agus cunntachalachd na maoin a chumail suas.
Tha Clì Gàidhlig an comain Bòrd na Gàidhlig, a’ Bhuidheann Leasachaidh Nàiseanta airson àrdachadh na Gàidhlig, airson a’ chuideachaidh ionmhasail a thug iad don iomairt seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu:-
Seonag Anderson, Manaidsear Chùrsaichean, Clì Gàidhlig, Fòn : 01463 226710, Post-dealain seonag@cli.org.uk
Clì Gàidhlig, buidheann cothruim is adhartachaidh na Gàidhlig.
Amasan
• Ionnsachadh is inbhe nàiseanta na Gàidhlig a bhrosnachadh
• Fiosrachadh air Gàidhlig is cùisean Gàidhlig a sgaoileadh
• Beachd luchd-ionnsachaidh is fileantaich ùra na Gàidhlig a chur an cèill
Bidh ‘Cothrom’, an raitheachan do bhuill Chlì Gàidhlig agus an làrach-lìn aig Clì www.cli.org.uk nan goireasan tarraingeach is fiosrachail do luchd-ionnsachaidh.
There are no comments on this item.