- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Na h-Ealain agus Cultar
Dè th’ anns na h-ealain? No dè th’ ann an cultar no dualchas? Dh’fhaodadh freagairt eadar-dhealaichte a bhith aig a h-uile duine againn, gu ìre, air na ceistean seo. ’S e sin a tha a’ fàgail nan raointean seo cho tarraingeach agus cho inntinneach. ’S iomadh nì a dh’fhaodadh nochdadh ann an còmhradh mu na h-ealain no cultar, oir nach e a tha sinn a’ dèanamh tro na h-ealain agus ar cultar ach sinn fhìn a chur an cèill agus a’ tighinn beò.
’S ann sìor fhàs nas motha tha a’ bhuaidh a th’ aig cultar an t-saoghail mhòir oirnn uile, ach chan eil sin a’ ciallachadh nach eil na h-ealain agus an cultar againne eadar-dhealaichte bho chultar dhaoine eile. Cò eile a tha a’ togail bhàtaichean dìreach mar a tha cuid sna h-Eileanan Siar, leis an aon eachdraidh, an aon chànan, an aon dualchas? Cò am bàrd eile air an t-saoghal a sgrìobh mu aimhreit agus fulangas mòr nan 1930an is 1940an san Roinn Eòrpa mar a sgrìobh Somhairle MacGill-Eain, agus e air a bhogadh ann an dualchas saidhbhir Gàidhlig Ratharsaigh a thuilleadh air a bhith foghlamaichte ann an litreachas agus eachdraidh iomadh dùthaich eile?
Òrain Bob Dylan agus na Beatles ann an Gàidhlig, geamannan mòra ball-coise air an sealltainn air an t-sianal telebhisein Ghàidhlig, podcasts Gàidhlig, luchd-ealain a’ toirt dhuinn dealbhan le lèirsinn Ghàidhlig agus iomadh rud eile a tha gar cuairteachadh mar chultar agus obair ealain. Mas e a’ Ghàidhlig ar cridhe a’ bualadh, ’s iad cultar agus na h-ealain ar fuil.
Comhairle Ealain na h-Alba - Ro-innleachdan agus maoineachadh airson nan ealain Gàidhlig
HI-ARTS - Fiosrachadh mu na h-ealain air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan
Culture Hebrides - Beachd air na h-ealain bho na h-Eileanan Siar
The List - Na h-ealain Ghàidhlig san List
Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean - Sealladh air leasachadh nan ealain is cultar air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan
Sabhal Mòr Ostaig - Beachd air na h-ealain agus cultar bho phrìomh cholaiste Ghàidhlig na h-Alba
