Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Na h-Ealain (the Arts) agus Cultar

Dè th’ anns na h-ealain? No dè th’ ann an cultar? Bidh freagairt eadar-dhealaichte (different) againn uile. ’S e cuspairean gu math inntinneach a th’ annta, agus tha na cuspairean seo gu math farsaing (wide/wide-ranging). Tha cultar an t-saoghail cudromach do chultar na Gàidhlig. Ach tha cultar na Gàidhlig cuideachd gu math cudromach do chultar an t-saoghail. Tha daoine le Gàidhlig a’ togail bhàtaichean sna h-Eileanan Siar agus tha sgilean sònraichte (special skills) aca nach eil aig daoine eile. Tha am bàrd Gàidhlig, Somhairle MacGill-Eain, ainmeil. Agus bha cultar an t-saoghail agus cultar nan Gàidheal gu math cudromach dha.

Tha tòrr rudan eile ann an cultar nan Gàidheal an-diugh: na h-òrain aig Bob Dylan ann an Gàidhlig, geamannan ball-coise air telebhisean Gàidhlig, podcasts ann an Gàidhlig agus iomadh rud eile. Tha an cànan agus an cultar a’ dol còmhla.

Scottish Arts Council - Fiosrachadh mu an taic a tha Comhairle Ealain na h-Alba (tha Scottish Arts Council) a’ toirt do na h-ealain Ghàidhlig

HI-ARTS - Fiosrachadh mu na h-ealain air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan

The Gaelic Arts Agency - Pròiseact nan Ealan

Culture Hebrides - A’ coimhead air na h-ealain anns na h-Eileanan Siar

The List - Na h-ealain Ghàidhlig san List

Highlands and Islands Enterprise - A’ coimhead air leasachadh (development) nan ealain agus leasachadh cultair air a’ Ghàidhealtachd agus anns an h-Eileanan

Sabhal Mòr Ostaig - Fiosrachadh mu na h-ealain Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig air làrach-lìn (website) Sabhal Mòr Ostaig

The Gaelic Arts Portal - Làrach-lìn le fiosrachadh mu dè tha dol anns na h-ealain Ghàidhlig

Follow us on: