Ceanglaichean ri buidhnean
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Seo agaibh ceanglaichean ri taghadh de bhuidhnean Gàidhlig agus buidhnean a tha a’ toirt taic don Ghàidhlig.
Bòrd na Gàidhlig – Am prìomh bhuidheann oifigeil ris a bheil e an urra Gàidhlig a ghleidheadh
Acair Earr. – Foillsichear leabhraichean Gàidhlig
An Comunn Gàidhealach – Am buidheann a tha a’ cumail a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail gach bliadhna
Ceòl is Craic – Club Gàidhlig ann an Glaschu a tha a’ cumail caochladh thachartasan is cuirmean-ciùil
Clì Gàidhlig – Am buidheann a tha a’ riochdachadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
Colaiste a’ Chaisteil – Colaiste ann an Leòdhas a tha a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig
Colmcille – Am buidheann a tha a’ brosnachadh cheanglaichean eadar Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann
Comann na Gàidhlig – Buidheann a tha a’ neartachadh na Gàidhlig tro ghrunn iomairtean
Comhairle nan Leabhraichean – Am prìomh bhuidheann a tha a’ dèiligeadh ri leabhraichean, foillseachadh agus litreachas na Gàidhlig
Comhairle nan Sgoiltean Àraich – Am prìomh bhuidheann a tha an sàs ann an foghlam ro-sgoile
Fèisean nan Gàidheal – Am buidheann a tha os cionn còrr is 40 fèis teagasg ciùil ann an Alba
Ionad Chaluim Chille Ìle – Colaiste stèidhichte ann an Ìle a tha a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig
Pròiseact nan Ealan – Am prìomh bhuidheann a tha ag obair an lùib nan ealain Gàidhlig
Sabhal Mòr Ostaig – Prìomh Cholaiste Ghàidhlig na h-Alba
Stòrlann – Am prìomh bhuidheann airson stuthan agus goireasan teagaisg Gàidhlig
Tobar an Dualchais – Buidheann a tha a’ gleidheadh dualchas beòil na Gàidhlig agus na h-Albais
MG Alba – Am prìomh bhuidheann craoladh telebhisean Gàidhlig
Comann nam Pàrant – Am prìomh bhuidheann a tha a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann ann am foghlam Gàidhlig
Comhairle na Gàidhealtachd – Ùghdarras Ionadail aig a bheil plana Gàidhlig
Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid – Ùghdarras Ionadail aig a bheil plana Gàidhlig
Comhairle nan Eilean Siar - Ùghdarras Ionadail aig a bheil plana Gàidhlig
Riaghaltas na h-Alba – A’ toirt maoineachadh do leasachadh na Gàidhlig ann an iomadh raon, agus tha plana Gàidhlig aca
Pàrlamaid na h-Alba – Dachaigh deamocrasaidh ann an Alba, agus tha plana Gàidhlig aca
Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Am prìomh bhuidheann iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus tha plana Gàidhlig aca
Faclair na Gàidhlig – Pròiseact a tha ag amas air faclair eachdraidheil na Gàidhlig a dheasachadh
Comann Ainmean-àite na h-Alba – Buidheann a bhios a’ dèanamh rannsachadh air ainmean-àite ann an Alba
Ainmean-àite na h-Alba – Am prìomh bhuidheann a tha a’ dèiligeadh ri ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba

