Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Ceanglaichean (Links) ri buidhnean (Organisations)

Seo agaibh ceanglaichean ri buidhnean Gàidhlig agus buidhnean a tha a’ toirt taic don Ghàidhlig.

Bòrd na Gàidhlig – Am prìomh bhuidheann oifigeil ris a bheil e an urra Gàidhlig a ghleidheadh

Acair Earr – Foillsichear leabhraichean Gàidhlig

An Comunn Gàidhealach – Am buidheann a tha a’ cumail a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail gach bliadhna

Ceòl is Craic – Club Gàidhlig ann an Glaschu a tha a’ cumail caochladh thachartasan is cuirmean-ciùil

Clì Gàidhlig – Am buidheann a tha a’ riochdachadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig

Colaiste a’ Chaisteil – Colaiste ann an Leòdhas a tha a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig

Colmcille – Am buidheann a tha a’ brosnachadh cheanglaichean eadar Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann

Comann na Gàidhlig – Buidheann a tha a’ neartachadh na Gàidhlig tro ghrunn iomairtean

Comhairle nan Leabhraichean – Am prìomh bhuidheann a tha a’ dèiligeadh ri leabhraichean, foillseachadh agus litreachas na Gàidhlig

Comhairle nan Sgoiltean Àraich – Am prìomh bhuidheann a tha an sàs ann an foghlam ro-sgoile

Fèisean nan Gàidheal – Am buidheann a tha os cionn còrr is 40 fèis teagasg ciùil ann an Alba

Ionad Chaluim Chille Ìle – Colaiste stèidhichte ann an Ìle a tha a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig

Pròiseact nan Ealan – Am prìomh bhuidheann a tha ag obair an lùib nan ealain Gàidhlig

Sabhal Mòr Ostaig – Prìomh Cholaiste Ghàidhlig na h-Alba

Stòrlann – Am prìomh bhuidheann airson stuthan agus goireasan teagaisg Gàidhlig

Tobar an Dualchais – Buidheann a tha a’ gleidheadh dualchas beòil na Gàidhlig agus na h-Albais

MG ALBA – Am prìomh bhuidheann craoladh telebhisean Gàidhlig

Comann nam Pàrant – Am prìomh bhuidheann a tha a’ riochdachadh phàrantan aig a bheil clann ann am foghlam Gàidhlig

Comhairle na Gàidhealtachd – Ùghdarras Ionadail aig a bheil plana Gàidhlig

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid – Ùghdarras Ionadail aig a bheil plana Gàidhlig

Comhairle nan Eilean Siar - Ùghdarras Ionadail aig a bheil plana Gàidhlig

Riaghaltas na h-Alba – A’ toirt maoineachadh do leasachadh na Gàidhlig ann an iomadh raon, agus tha plana Gàidhlig aca

Pàrlamaid na h-Alba – Dachaigh deamocrasaidh ann an Alba, agus tha plana Gàidhlig aca

Iomairt na Gàidhealtachd agus na h-Alba – Am prìomh bhuidheann iomairt air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, agus tha plana Gàidhlig aca

Faclair na Gàidhlig – Pròiseact a tha ag amas air faclair eachdraidheil na Gàidhlig a dheasachadh

Comann Ainmean-àite na h-Alba – Buidheann a bhios a’ dèanamh rannsachadh air ainmean-àite ann an Alba

Ainmean-àite na h-Alba – Am prìomh bhuidheann a tha a’ dèiligeadh ri ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba

Follow us on: