Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Bliadhna Mhath Ùr

le admin

new year - fireworks

Bliadhna Mhath Ùr le Calum MacAmhlaigh a’ bhuannaich camara didseatach, Inneal Mheadhanan MP3, Mouse agus USB agus ‘An Leabhar Mòr’ leis am pìos seo.

Chuir mise seachad a’ Bhliadhna Ùr ann am baile mòr Ghlaschu! An dàrna turas nam bheatha nuair nach robh mi aig an taigh ann an Uibhist a Tuath airson na "Bells". Bha mi ann an Dùn Èideann ann an 2005 agus ged a bha e math, cha robh e cho math ris a' Bhliadhn' Ùir a bh' agam airson crìoch a chur air 2009 agus fàilte mhòr chridheil a chur air 2010 ann an Glaschu!!


Aig an taigh an Uibhist a Tuath, bhithinn a' dol air chuairt gu taighean mo nàbaidhean airson drama agus crac. A' gluasad bho thaigh gu taigh a' cruinneachadh barrachd dhaoine agus a’ landadh ann an taigh air choireigin ann an ceann eile na sgìre! Tha sin rudeigin doirbh a dhèanamh ann an Glaschu le caraidean sgapte air feadh a’ bhaile agus gun cus eòlais air na nàbaidhean fodham agus os mo chionn air an rathad air a bheil mi a' fuireach.


Le sin air m' inntinn, feumaidh mi aideachadh gu robh seòrsa de chianalas orm leis nach robh mi còmhla ri mo theaghlach ach bha mi gu math fortanach gun robh mo bhràmair còmhla rium.


Ghabh sinn dìnnear a bha eireachdail le glainne no dhà de dheagh fhìon dearg às an Fhraing. Bhuail sinn air BBC ALBA agus bha sinn aig toil le Tony is Mòrag agus na h-aoighean aca. Bha òrain is fuinn a' phrògraim air leth math agus chuir sin ann an triom dannsaidh sinn. Rinn sinn Canadian Barn Dance air ùrlar an t-seòmair-shuidhe agus ’s e bha math fiu' s leis an dà chas chlì agamsa!


Ghabh sinn na bells le drama agus phòg sinn a chèile aig meadhan oidhche. An uairsin thòisich na teachdaireachdan teacsa a’ tighinn troimhe gu ar fònaichean-làimhe a' guidhe gach sonas son 2010!


Fhuair sinn aonan bho ar caraid, a bha a' fuireach mu dheich mionaidean air falbh, a bha ar fiathachadh chun a’ flat aca airson cèilidh. Chuir sinn oirnn ar brògan dannsaidh agus ar n-aodach blàth airson a' cheum dom flat. Tha mi ag ràdh brògan dannsaidh ri linn gur e sin a rinn sinn air ar slighe chun a' chèilidh, dhanns sinn!


Bhiodh muinntir a’ bhaile ag ràdh, "Whit are they two eejits doing on the street?" ach cha robh sinn coma ma bha! Bha fealla-dhà dhà-riribh againn agus gu dearbh cha do dh'fhairich sinn am fuachd, am fuachd aig an robh Glaschu fo smachd!


Ràinig sinn am flat le ar n-anail nar n-uchd, aodainn dhearga air an dithis againn! "Dè fo thalamh a bha sibh ris?" chaidh fhaighneachd. "Dhanns sinn an seo mar dhithis amadan!"


Choimhead iad oirnn mar gun robh sinn às ar ciall buileach ach a dh'aindeoin sin bha fìor dheagh chèilidh againn. Cha robh againn ri tagsaidh fhaighinn a dh'àite sam bith, rud a tha cho cianail fhèin doirbh aig a' Bhliadhn' Ùir. Cha robh sinn mar chrodh aig margaid ann am bar air choireigin le daoine air an dalladh dubh le deoch làidir. Cha robh sinn reòdhte leis an fhuachd ann an Ceàrnag Sheòrais. Anns a’ flat far an robh sinn bha sinn blàth is comhfhurtail le biadh, deoch agus càirdeas gu leòr! Thuirt sinn soraidh slàn ri 2009 agus ghabh sinn hòro-gheallaidh airson fàilte a chur air 2010!

Le Calum MacAmhlaigh

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: