Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Bliadhna Mhath Ùr

le admin

new year - fireworks

Bliadhna Mhath Ùr le Calum MacAmhlaigh a’ bhuannaich camara didseatach, Inneal Mheadhanan (Media Device) MP3, Mouse agus USB agus ‘An Leabhar Mòr’ leis am pìos seo a chuir e dhan fharpais againn.

Chuir mise seachad a’ Bhliadhna Ùr ann am baile mòr Ghlaschu! Seo an dàrna turas nam bheatha nuair nach robh mi aig an taigh ann an Uibhist a Tuath airson na "Bells". Bha mi ann an Dùn Èideann ann an 2005 agus ged a bha e math, cha robh e cho math ris a' Bhliadhn' Ùir a bh' agam nuair a chuir mi fàilte mhòr chridheil air 2010 ann an Glaschu!!


Nuair a bha mi aig an taigh an Uibhist a Tuath, bha mi a' dol gu taighean mo nàbaidhean airson drama agus crac (crack). Bha sinn a' gluasad bho thaigh gu taigh agus bha sinn a’ crìochnachadh ann an taigh air choireigin aig ceann eile na sgìre (area)! Tha sin doirbh a dhèanamh ann an Glaschu, oir tha mo charaidean a’ fuireach ann an diofar àiteachan air feadh a’ bhaile. Agus chan eil mi eòlach air na nàbaidhean agam.


A’ cuimhneachadh air Uibhist, bha beagan cianalais (homesickness) orm. Bha mi a’ smaoineachadh gum bu thoigh leam a bhith còmhla ri mo theaghlach, ach bha mi gu math fortanach, oir bha mo bhràmair (girlfriend) còmhla rium.


Ghabh sinn dìnnear a bha uabhasach math agus glainne no dhà de dheagh fhìon dearg às an Fhraing. Bha sinn a’ coimhead air BBC ALBA air an telebhisean agus bha sinn gu math toilichte a’ coimhead air Tony is Mòrag agus na h-aoighean aca. Bha an ceòl is seinn air a’ phrògram glè mhath, agus bha sinn ag iarraidh dannsa. Rinn sinn Canadian Barn Dance air ùrlar an t-seòmair-shuidhe agus rinn sinn glè mhath, ged nach eil mi fhèin ro mhath air dannsa!


Aig na ‘Bells’ ghabh sinn drama agus thug sinn pògan dha chèile aig meadhan-oidhche. An uair sin thòisich teachdaireachdan-teacsa (text messages) a’ tighinn a-staigh air na fònaichean againn, anns an robh daoine a’ guidhe (wishing) gach sonas dhuinn airson 2010!


Fhuair sinn aonan bho ar caraid, a bha a' fuireach faisg oirnn ann an Glaschu. Bha e ag iarraidh oirnn a dhol chun a’ flat aca airson cèilidh. Chuir sinn oirnn ar brògan dannsa agus ar n-aodach blàth airson an turas don flat. Tha mi ag ràdh brògan dannsa, oir cha do choisich sinn chun a’ flat aca, dhanns sinn chun a’ flat aca!


Tha mi cinnteach gu robh daoine ag ràdh, "Whit are they two eejits doing on the street?" ach cha do chuir sin dragh oirnn! Bha tòrr spòrs againn agus gu dearbh cha do dh'fhairich sinn am fuachd, am fuachd a bha air smachd (control) a ghabhail air Glaschu!


Ràinig sinn am flat leis ar n-anail nar n-uchd (we were out of breath, literally our breath was in our chest), agus bha aodainn an dithis againn dearg! "Dè a bha sibh a’ dèanamh?" dh’fhaighnich cuideigin. "Dhanns sinn fad na slighe chun a’ flat mar dhithis amadan!"


Choimhead daoine oirnn agus bha iad a’ smaoineachadh gu robh sinn gòrach, ach bha deagh chèilidh againn. Cha robh feum againn air tagsaidh (taxi), agus bha sin math oir tha e gu math doirbh tagsaidh a lorg aig a’ Bhliadhn’ Ùir. Cha robh sinn mar chrodh (cattle) ann am bàr air choireigin. Cha robh sinn ann an Ceàrnag Sheòrais (George Square) anns an fhuachd. Bha sinn ann am flat blàth, cofhurtail agus bha biadh, deoch agus càirdeas gu leòr againn! Chuir sinn fàilte mhòr air 2010!


Le Calum MacAmhlaigh

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: