Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

A’ Bhliadhn’ Ùr ann an Ronaldsay a Tuath

le admin

'A’ Bhliadhn’ Ùr ann an Ronaldsay a Tuath' le Christine Janet Muir a’ bhuannaich camara didseatach, Inneal Mheadhanan MP3, Mouse agus USB agus ‘An Leabhar Mòr’ leis am pìos seo a chuir e dhan fharpais againn.

Nuair a bha mi air ùr phòsadh, ann an 1961, thàinig sinn a dh’fhuireach ann an Ronaldsay a Tuath ann an Arcaibh, agus bha iad fhathast a’ comharrachadh Oidhche na Bliadhn’ Ùire mar a chomharraich an sinnsirean o chionn fhada. Bhiodh aig na boireannaich ris an taigh a sgùradh agus a ghlanadh, gach nì air a nighe, gach obair dèante. Agus nam b’ urrainn dhaibh, thòisicheadh iad air pìos obrach ùir, gus an cuireadh iad beannachd chùmhntachd air a’ Bhliadhn’ Ùir. Dh’fheumadh iad an làr a sguabadh a dh’ionnsaigh an teine, chan ann idir a dh’ionnsaigh an dorais, rud a sguabadh air falbh deagh fhortan na bliadhna. Ma bha cuideigin a’ sùileachadh leanabh, b’ ann sealbhach a bha sin.

Christine Muir - winner images - (new year)


Bha an t-uabhas còcaireachd is ullachadh ri dhèanamh – feòil chaorach bhon eilean, mealy puddens, bere bannocks, ìm air a mheasradh agus càise Arcach uile air a’ bhòrd, còmhla ri leann a chaidh a dhèanamh ann an seann tosgaidean fiodha grùdaidh. Ann an Ronaldsay a Tuath dheigheadh braich a dhèanamh à eòrna mòr, bhiodh iad ga bhualadh agus ga ghrèidhadh, ga bhogadh ann uisge, ga thiormachadh, ga sgaoileadh air làr cloiche, agus an uair sin ga thionndadh. Bhiodh iad an uair sin ga thiormachadh ann an àth, ga fhasgnadh, ga ghlanadh, ga phronnadh, agus mu dheireadh bhiodh a’ bhraich deiseil. Chuireadh iad seo ann an dabhach mhòr fhiodha, far am biodh e air a bhogadh ann an uisge goileach fad dà uair a thìde, agus bheireadh iad an uair sin a’ bhrailis dheth. Ghoileadh iad seo airson dà uair a thìde gu leth, agus bhiodh iad an uair sin ga shìoladh agus a’ leigeil leis fuarachadh, mus cuireadh iad beirm ris. Agus mu dheireadh, às dèidh dhaibh a’ bheirm a chur ris, dh’fhàgadh iad an leann gus sìoladh agus chuireadh iad ann am botail e an uair sin.


Bha cleachdaidhean gu leòr aig àm na Bliadhn’ Ùire, gu dearbh bhiodh cuid a thaighean a’ cur stuthan sgeadachaidh an àird aig an àm ud. Bhiodh iad air a’ chaora Nollaig a mharbhadh airson an luchd-tadhail a thigeadh, bhiodh pund no cruinneachadh sònraichte ann airson na beathaichean a thaghadh, agus seo an crochadh gu h-àbhaisteach air làn na mara agus a’ ghealach, seach gu robh na caoraich a’ còmhnaidh faisg air a’ chladach.


Thigeadh fir a’ bhaile còmhla agus dheigheadh iad bho thaigh gu taigh, agus iad an-còmhnaidh a’ toirt dhiubh na bonaidean aca nuair a thigeadh iad gu taigh, agus gheibheadh iad fàilte is roghainn bìdh an taighe. Bhiodh deagh chliù boireannaich an crochadh air dè cho math agus dè an uiread de bhiadh agus deoch a gheibheadh na fir. Ach cha b’ e biadh ‘fìnealta’ a gheibheadh iad, b’ fheàrr leis na fir feòil chaorach is bonnaich. Gheibheadh na bodaich daonnan suidheachan an tac’ an stòbha, agus glè thric bhiodh an leann acasan air a theasachadh air an teine, le beagan siùcair na cheann, agus dh’òladh iad seo às crogain-leanna crèadha, mugaichean mòra spongeware, le pàtranan flùranach no duilleagach.


Agus bhiodh daonnan òrain ann, ‘The Bride’s Lament’, ‘Hoy’s Dark and Lofty Isle,’ ‘Braes of Balquidder’, agus uaireannan ‘Ne-er’s Day Sang’, seann òran a thàinig sìos tro na ginealaich, anns an robh iomadach rann leithid, ‘May a’ your kye be weel tae calf, And every ane hae a queyo calf’ no ‘May a’ your mares be weel tae foal, And every ane hae a mare foal,’ agus mar sin air adhart. Bha e beagan tiamhaidh a bhith ag èisteachd ris na seann ghuthan, a’ seinn nan òran sin cha mhòr airson an uair mu dheireadh, oir cha b’ fhada gus an tàinig telebhisean an àite seinn.


Air oidhche Latha na Bliadhn’ Ùire bhiodh na daoine òga a’ tadhal, thigeadh gillean agus a’ chlann-nighean còmhla agus dheigheadh iad bho thaigh gu taigh, a’ cur fàilte air Bliadhna Ùr. Agus bhiodh nàbaidhean a’ dol a chèilidh air an treas oidhche, ag innse seann sgeulachdan agus a’ gabhail òrain. Nuair a dheigheadh boireannaich a chèilidh, bu thoigh leotha gum biodh pìos ‘cakey shortbread’ aca – cèicean cruinn gu math tric air an sgeadachadh le còmhdach-siùcair agus beannachdan na Bliadhn’ Ùire sgrìobhte orra, leis an gabhadh iad cupa làidir de thì agus pìos cèic. B’ e àm càirdeil, bàigheil a bh’ ann nuair a bha mu 170 duine a’ fuireach an seo.


Christine Muir - winner - images (new year)

A-nis tha mu leth-cheud duine ann, agus tha cùisean air atharrachadh, tha na seann dòighean air a dhol nan sgeulachd iad fhèin air a bheil cuimhne aig cuid.’S ann truagh a tha na ‘bells’ air telebhisean an coimeas ris na h-oidhcheannan sona, fuaimeach sin, nuair a bhiodh bodaich a’ dol nam balaich a-rithist a’ cuimhneachadh air geamannan ball-coise air a’ mhachair ri taobh an Taigh-sholais, no bàtaichean a chaidh fodha, nuair a bhiodh iad a’ gabhail òrain mu òige, fhad ’s a bha solas na gealaich a’ glasadh nam pàircean ciùin agus nuair a chìthte corra uair na Fir Chlis a’ soillseadh dorchadas na h-oidhche.


Le Christine Janet Muir

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: