Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

A’ Bhliadhn’ Ùr ann an Ronaldsay a Tuath

le admin

'A’ Bhliadhn’ Ùr ann an Ronaldsay a Tuath' le Christine Janet Muir a’ bhuannaich camara didseatach, Inneal Mheadhanan (Media Device) MP3, Mouse agus USB agus ‘An Leabhar Mòr’ leis am pìos seo a chuir e dhan fharpais againn.

Phòs mi ann an 1961, agus thàinig sinn a dh’fhuireach ann an Ronaldsay a Tuath ann an Arcaibh an uair sin. Bha iad fhathast a’ comharrachadh (marking) na Bliadhn’ Ùire san seann dòigh. Bha na boireannaich a’ glanadh an taighe air fad ro Oidhche na Bliadhn’ Ùire, bha iad a’ nighe a h-uile nì, agus bha iad a’ cur crìoch air gach obair. Agus nam b’ urrainn dhaibh, bha iad a’ tòiseachadh air pìos obrach ùir. Oir bha seo a’ cur beannachd (blessing) air a’ Bhliadhn’ Ùir. Cha robh iad a’ sguabadh an sgudail a dh’ionnsaigh (towards) an dorais, bha iad a’ sguabadh an sgudail a dh’ionnsaigh an teine, oir bha iad ag iarraidh gum biodh an deagh fhortan (good luck) a’ fuireach san taigh. Agus bha iad a’ smaoineachadh gur e rud fortanach a bh’ ann, ma bha cuideigin a’ sùileachadh (expecting) leanabh.

Christine Muir - winner images - (new year)


Bha aca ri tòrr còcaireachd agus rudan eile a dhèanamh. Bha feòil chaorach bhon eilean, mealy puddens, bere bannocks, ìm a rinn iad fhèin, agus càise à Arcaibh uile air a’ bhòrd, agus bha leann (ale) aca ann an seann bharailean. Bha iad a’ dèanamh braich (malt) à eòrna mòr (bere corn), agus bha iad a’ dèanamh leann às a’ bhraich an seo.


Bha daoine a’ leantainn seann chleachdaidhean (customs) gu leòr aig a’ Bhliadhn’ Ùir. Bha cuid a dhaoine a’ sgeadachadh (decorating) nan taighean aca. Bha daoine a’ marbhadh caora Nollaig airson biadh, agus bha daoine a’ tighinn còmhla aig cruinneachadh sònraichte leis an ainm pund far an robh iad a’ taghadh nan caorach a bha iad a’ dol a mharbhadh. Bha aca ri smaoineachadh air mar a bha a’ ghealach aig an àm, agus làn na mara (tide), oir bha na caoraich ag ionaltradh (grazing) faisg air a’ mhuir.


Bha fir a’ bhaile a’ dol timcheall nan taighean sa bhaile, agus bha iad a’ toirt dhiubh na bonaidean aca mus deach iad a-staigh gu na taighean. Bha iad a’ faighinn deagh bhiadh agus fàilte anns gach taigh. Agus ma bha na fir a’ faighinn biadh is deoch mhath aig taigh, bha deagh chliù (a good reputation) aig bean an taigh sin an uair sin. Ach cha robh am biadh uabhasach ‘fìnealta’ (fine), b’ fheàrr leis na fir feòil chaorach agus bonnaich. Bha na bodaich an-còmhnaidh a’ faighinn àite airson suidhe faisg air an stòbh, agus gu math tric bha an leann aca air a theasachadh. Bha iad ag òl an leanna aca à mugaichean mòra spongeware.


Agus bha iad a’ seinn òrain, mar ‘The Bride’s Lament’, ‘Hoy’s Dark and Lofty Isle,’ ‘Braes of Balquidder’, agus uaireannan ‘Ne-er’s Day Sang’, seann òran a fhuair iad bho na sinnsirean (forebears) aca. Bha tòrr rannan san òran seo mar, ‘May a’ your kye be weel tae calf, And every ane hae a queyo calf’ agus ‘May a’ your mares be weel tae foal, And every ane hae a mare foal,’ agus mar sin air adhart. Tha mi beagan brònach a-nis a’ smaoineachadh air na seann òrain sin a bha iad a’ seinn airson an turas mu dheireadh, oir tha telebhisean againn a-nis an àite òrain.


Air Latha na Bliadhn’ Ùire fhèin bha daoine òga an uair sin a’ tadhal air taighean, bha na gillean agus na nigheanan a’ tighinn còmhla agus bha iad a’ dol bho taigh gu taigh. Agus an oidhche às dèidh sin bha daoine an uair sin a’ tadhal air taighean nan nàbaidhean aca, agus bha iad ag innse sgeulachdan agus a’ seinn òrain. Nuair a bha boireannaich a’ tadhal air daoine, bha e a’ còrdadh riutha a bhith a’ toirt ‘cakey shortbread’ leotha – cèic cruinn air an robh còmhdach-siùcair (icing) gu math tric agus bha iad cuideachd a’ sgrìobhadh beannachdan (blessings) na Bliadhn’ Ùire air na cèicean. Bha na làithean sin math, bha mu 170 a’ fuireach an seo agus bha iad uile càirdeil agus bàigheil.


Christine Muir - winner - images (new year)

A-nis tha mu leth-cheud duine ann, agus chan eil daoine a’ leantainn nan seann chleachdaidhean sin. Chan eil na ‘bells’ air an telebhisean idir cho math ris na h-oidhcheannan sona sin, nuair a bha bodaich a’ cuimhneachadh air làithean an òige: nuair a bha iad a’ cluich ball-coise, nuair a chaidh bàtaichean fodha aig muir, nuair a bha iad a’ seinn òrain.


Le Christine Janet Muir

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: