Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Aon Bhliadhna

mygaelic pannel.JPG

Tha mygaelic.com aon bliadhna a dh’aois!

Tha a-nis còrr is bliadhna bhon a thòisich mygaelic.com, agus abair bliadhna thrang, thogarrach agus ghealltanach a tha air a bhith againn. Chlàraich còrr math is mìle duine gu leth aig mygaelic.com rè na bliadhna, agus thadhail daoine à 105 dùthchannan bho air feadh an t-saoghail oirnn, feuch am faic iad dè tha a’ dol ann an saoghal nan Gàidheal. Bho Latvia gu Leòdhas tha daoine a’ toirt sùil air mygaelic.com agus iad air tòir fiosrachaidh, fealla-dhà, fharpaisean, càirdeis agus iomadh nì eile a gheibh thu aig mygaelic.com.


Happy guy coming out of box.


Bhon fhìor thoiseach, dh’fheuch sinn ri bratach na Gàidhlig a thogail an àirde ann an ceithir ranna ruadh an t-saoghail tron làrach-lìn againn, agus ann an Alba fhèin bha sinn an làthair aig cuid de thachartasan mòra na bliadhna a dh’innse do dhaoine mur deidhinn agus mu dheidhinn na Gàidhlig. Bha sinn aig Fèis Ceann an Iar ann an Glaschu far an do chùm sinn oidhche riochdail de cheòl Gàidhlig le leithid Seumas Greumach is Maeve NicFhionghain a’ seinn. Thadhail sinn air An Cruinneachadh ann an Dùn Èideann far an robh daoine bho air feadh an t-saoghail cruinn còmhla as t-samhradh sa chaidh a’ dèanamh gàirdeachas ri dualchas Gàidhealach na h-Alba. An uair sin thug sinn ar casan leinn sìos gu Fèis Freshers ann an Glaschu a shireadh bheachdan bho dhaoine òga mun Ghàidhlig. Agus mu dheireadh bha sinn aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt dhuibh na naidheachdan as motha bho phrìomh fhèis nan Gàidheal.


Sunday singing.JPG


Ach a bharrachd air a bhith sgaoileadh fiosrachadh mun Ghàidhlig agus tachartasan co-cheangailte ris a’ chànan, bha sinn ag iarraidh ur beachdan a chluinntinn air cùisean. Thòisich sinn a’ cumail phòlaichean far an robh sinn ag iarraidh ort beachd a thoirt air cùisean mòra na Gàidhlig – thuirt 561 dhibh gu robh sibh a’ smaoineachadh gum bu chòir soighnichean dà-chànanach a bhith air an A9 tuath air Peairt agus thuirt 693 dhibh gum bu chòir Gàidhlig a bhith na pàirt riatanach de chlàr-oideachaidh nan sgoiltean ann an Alba. ’S ann cudromach a tha ur beachdan dhuinn agus faodaidh sibh beachd a thoirt air a’ chuspair as ùire againn: ceist mu bhith tarraing luchd-ionnsachaidh ùra.


Crowd shot&banner.JPG


Tha sinn fhathast ag innse dhuibh mu na tha a’ dol ann an saoghal na Gàidhlig: naidheachdan, tachartasan, clasaichean, cùrsaichean, cruinneachaidhean, fèisean, spòrs agus iomadh, iomadh nì eile. Agus faodaidh sibhse cur ri seo le bhith ag innse dhuinn dè tha a’ dol nur sgìre fhèin. Tro na buidhnean agus cunntasan pearsanta, tha fileantaich is luchd-ionnsachaidh a’ tighinn còmhla, agus ’s e cothrom air leth a th’ ann daoine bhith cuideachadh càch a chèile agus bruidhinn mu dheidhinn chuspairean anns a bheil ùidh aca. Tha mygaelic.com na raon cruinneachaidh is coinneachaidh far an tig daoine a lorg fiosrachadh is charaidean. Mura h-eil sibh an sàs ann mu thràth, clàraich an-diugh agus faodaidh tu saoghal ùr Gàidhlig a lorg!


James and Maeve colour.JPG


Rè na bliadhna dh’fheuch mygaelic.com ri aire dhaoine a thoirt do chùisean cudromach a bha a’ toirt buaidh air a’ Ghàidhlig no sgìrean Gàidhealach. Thug sinn iomradh air mar a bha Buidheann Ghnìomha Raon Rocaidean Innse Gall a’ feuchainn ri obraichean a dhìon ann an Uibhist. Phiobraich sinn daoine gus taic a chumail ri BBC ALBA le bhith a’ sgrìobhadh gu Urras a’ BhBC. Agus thug sinn naidheachdan dhuibh mu Fhèis Bhlais, Film G, Celtic Connections agus gu leòr eile. Ach aig an aon àm, tha cothrom air leth agaibhse ur smuaintean, dealbhan, beachdan, ceistean no stòiridhean a thoirt dhuinn le bhith cur ri ‘susbaint an luchd-cleachdaidh’. Agus mura h-eil sin gu leòr, bha cothrom agaibh air grunn dhuaisean fad na bliadhna leis na farpaisean againn. Gu dearbh tha farpais na Bliadhna Ùire dìreach air tighinn gu crìch, far an robh sinn ag iarraidh air daoine cunntas a thoirt dhuinn air dè an seòrsa Bliadhn’ Ùr a th’ acasan, às bith càite a bheil iad a’ fuireach.


Music - Margaret Maclellan


Agus tha mygaelic.com a-nis aig toiseach bliadhna ùir mhath eile, agus bu toigh leinn taing mhòr a thoirt dhuibh uile airson ur taic. ’S e sibhse a chuidich sinn le bhith soirbheachadh, cumaibh oirbh le ur taic agus bidh bliadhna air leth eile againn a-rithist, agus tha sinn an dòchas, bliadhna air leth don Ghàidhlig!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: