Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Aon Bhliadhna

mygaelic pannel.JPG

Tha mygaelic.com aon bliadhna a dh’aois!

Thòisich mygaelic.com o chionn bliadhna agus tha sinn air a bhith uabhasach trang bhon uair sin! Chlàraich (registered) còrr math is mìle duine gu leth aig mygaelic.com bhon a thòisich sinn, agus thadhail daoine bho 105 dùthchannan air an làrach-lìn (website). Eadar Latvia is Leòdhas, tha daoine a’ toirt sùil air mygaelic.com. Tha iad a’ lorg fiosrachadh, fharpaisean (competitions), càirdeas agus iomadh rud eile.


Happy guy coming out of box.


Bhon a thòisich sinn, bha sinn a’ feuchainn ri fiosrachadh mun Ghàidhlig a sgaoileadh air feadh an t-saoghail. Agus ann an Alba fhèin chaidh sinn gu tachartasan (events) far an robh sinn ag innse do dhaoine mu mygaelic.com agus mun Ghàidhlig. Chaidh sinn gu Fèis Ceann an Iar (West End Festival) ann an Glaschu. Thadhail sinn air An Cruinneachadh ann an Dùn Èideann, far an do thachair sinn ri tòrr dhaoine. Chaidh sinn gu Fèis Freshers ann an Glaschu far an robh sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine òga dè bha iad a’ smaoineachadh mun Ghàidhlig. Agus bha sinn aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail far an robh sinn a’ toirt dhuibh naidheachdan mun Mhòd.


Sunday singing.JPG


Bha sinn cuideachd ag iarraidh ur beachdan fhèin a chluinntinn mun Ghàidhlig agus nithean co-cheangailte (connected) ris a’ Ghàidhlig. Thòisich sinn a’ cumail phòlaichean (polls) far an robh sinn ag iarraidh ort beachd a thoirt air cùisean mòra na Gàidhlig – thuirt 561 dhibh gu robh sibh a’ smaoineachadh gum bu chòir soighnichean dà-chànanach a bhith air an A9 tuath air Peairt agus thuirt 693 dhibh gum bu chòir Gàidhlig a bhith na phàirt riatanach (compulsory) de chlàr-oideachaidh (curriculum) nan sgoiltean ann an Alba. Tha ur beachdan cudromach dhuinn agus faodaidh sibh beachd a thoirt air a’ chuspair as ùire againn: ceist mu bhith tarraing (attracting) luchd-ionnsachaidh ùra.


Crowd shot&banner.JPG


Tha sinn fhathast ag innse dhuibh mu na tha a’ dol ann an saoghal na Gàidhlig: naidheachdan, tachartasan, clasaichean, cùrsaichean, cruinneachaidhean, fèisean, spòrs agus iomadh, iomadh nì eile. Agus faodaidh sibhse innse dhuinn dè tha a’ dol nur sgìre fhèin. Tro na buidhnean (groups) agus cunntasan pearsanta (personal accounts), tha fileantaich is luchd-ionnsachaidh a’ tighinn còmhla, agus tha daoine a’ cuideachadh dhaoine eile agus a’ bruidhinn mu diofar rudan. Tha mygaelic.com na làrach-lìn far a bheil daoine a’ cruinneachadh agus a’ coinneachadh, tha e na àite far a bheil daoine a’ lorg fiosrachadh agus charaidean ùra. Mura h-eil sibh an sàs ann mu thràth, clàraich an-diugh agus faodaidh tu saoghal ùr Gàidhlig a lorg!


James and Maeve colour.JPG


Anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, dh’fheuch mygaelic.com ri innse do dhaoine mu chùisean cudromach a bha a’ toirt buaidh (effect) air a’ Ghàidhlig no sgìrean Gàidhealach. Sgrìobh sinn mu bhuidheann a bha a’ feuchainn ri obraichean a dhìon (protect) ann an Uibhist. Dh’iarr sinn air daoine taic a chumail ri BBC ALBA le bhith a’ sgrìobhadh gu Urras a’ BhBC (BBC Trust). Agus dh’innis sinn dhuibh mu Fhèis Bhlais, Film G, Celtic Connections agus gu leòr eile. Ach aig an aon àm, tha cothrom air leth agaibhse. Faodaidh sibh ur smuaintean, dealbhan, beachdan, ceistean no stòiridhean a thoirt dhuinn le bhith cur ri ‘susbaint an luchd-cleachdaidh’ (user content). Agus bha cothrom agaibh air grunn dhuaisean (prizes) fad na bliadhna leis na farpaisean againn. Gu dearbh tha farpais na Bliadhna Ùire dìreach a’ crìochnachadh (finishing). Bha sinn ag iarraidh air daoine sgrìobhadh mu dè an seòrsa Bliadhn’ Ùr a bh’ acasan.


Music - Margaret Maclellan


Agus tha mygaelic.com a-nis aig toiseach bliadhna ùr mhath eile, agus bu toigh leinn taing mhòr a thoirt dhuibh uile airson ur taic. Chuidich sibhse sinn gu mòr, cumaibh oirbh le ur taic agus bidh bliadhna air leth math eile againn a-rithist, agus tha sinn an dòchas, bliadhna air leth math don Ghàidhlig!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: