Thuirt Cathraiche (chair) Bhòrd na Gàidhlig Art MacCarmaig: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air dreach Gàidhlig suaicheantas Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis airson 2014. Tha sinn air a bhith ro-thoilichte a bhith ag obair còmhla ri sgioba Ghlaschu 2014 mar a tha iad air a bhith a’ coimhead (looking) air dòighean Gàidhlig a chleachdadh (use/implement) nan cuid-obrach. Le cho cudromach (important) sa tha Gàidhlig do dh’Alba agus do shluagh (the people) na h-Alba a tha thall thairis (abroad), tha e cudromach gum biodh aire dhaoine (people’s awareness) air Gàidhlig agus gun rachadh a chleachdadh, fhaicinn agus a chluinntinn cho tric (often) sa ghabhas aig ìre a tha freagarrach (appropriate/convenient). Tha, agus bha àite air leth aig Glaschu ann an saoghal na Gàidhlig, agus bidh aire an t-saoghail air baile mòr nan Gàidheal. Tha cothroman mòra an luib (amongst) nan Geamaichean do Ghlaschu agus dhan Ghàidhlig, le na th’ann de dhaoine a tha ga cleachdadh agus bu chòir dhuinn an cothrom a ghabhail inbhe agus aithne na Gàidhlig àrdachadh (advance/forward) ann an suidheachadh eadar-nàiseanta (international). Tha sinn an dòchas nach eil an seo ach toiseach-tòiseachaidh. Tha sinn a’ guidhe (wish) gach soirbheachaidh do na Geamaichean agus tha fiughar againn a bhith ag obair còmhla ri sgioba Ghlaschu 2014 gu dlùth airson inbhe (progress) na Gàidhlig a thogail agus a chleachdadh mar as còir ann an leithid de shuidheachadh (situation/setting).”

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.