Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Pròiseactan

’S iomadh pròiseact, iomairt, sgeama agus gnothach anns a bheil na buidhnean Gàidhlig an sàs. Tha pròiseactan nàiseanta, ionadail agus coimhearsnachd ann. Tha feadhainn ag amas air na h-ealain, air an cànan adhartachadh, air ceanglaichean a dhèanamh eadar daoine no fiù ’s an eaconamaidh a neartachadh ann an sgìre. Tha cuideachd sgeamaichean maoineachaidh ann far am faigh daoine taic na beachdan aca fhèin a chur an cèill, beachdan a tha a’ dol a chur ri fàs agus adhartas cànan agus cultar nan Gàidheal. ’S e am prìomh rud a tha dhìth leis na pròiseactan seo mac-meanmna, agus tha sin againn uile!

Gàidhlig air a’ Bhàta

Thairis air an t-samhradh tha cothrom aig daoine a tha a’ siubhal eadar cuid de na h-eileanan agus tìr-mòr beagan eòlais a chur air dualchas agus cànan nan Gàidheal. Tha am pròiseact ‘Gàidhlig air a’ Bhàta’ a’ ciallachadh gu bheil oifigearan fiosrachaidh air bòrd cuid de na bàtaichean-aisig aig Caledonian Mac a’ Bhruthainn a tha a’ seòladh gu Innse Gall. Tha na h-oifigearan seo ag innse do luchd-siubhail mu dhualchas na Gàidhlig, agus mun chànan fhèin, agus mu rudan a tha a’ tachairt agus mu àiteachan air am faod iad tadhal sna sgìrean air a bheil na bàtaichean a’ frithealadh. Agus a bharrachd air cothrom faclan is abairtean Gàidhlig agus fiosrachadh mu dhualchas nan Gàidheal ionnsachadh, cluinnidh daoine beagan ciùil no seinn aig deireadh chùisean.

’S iad Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Caledonian Mac a’ Bhruthainn agus Comann na Gàidhlig a tha a’ ruith a’ phròiseict seo ann an co-bhuinn ris an sgeama Cearcaill na Gàidhlig.

Gàidhlig air a’ Bhàta

Meanbh-chuileag

Chan eil dad ann a chòrdas ri clann cho mòr ri dealbh-chluich no dràma. ’S e aon de an dòighean as tarraingiche ionnsachadh, agus ’s e sin an fheallsanachd a tha air cùl a’ bhuidhinn dràma Meanbh-chuileag a bhios a’ dol timcheall sgoiltean leis na dealbhan-cluiche aca ann an Gàidhlig. Thòisich am pròiseact Foghlam-am-Dràma seo ann an 2000 agus tha iad air tadhal air còrr is 200 bun-sgoil bhon a thòisich iad, agus sin a’ ciallachadh gu bheil còrr is 10,000 òganach air dealbh-chluiche Mheanbh-chuileag fhaicinn san àm sin. Am measg nan dealbhan-cluiche as ùire aca tha ‘Fògarraich na Grèine’ a bha a’ coimhead air cuid de na prìomh rudan a tha a’ toirt buaidh air an t-saoghal an-dràsta, mar blàthachadh na cruinne agus mar a dh’fheumar barrachd ath-chuartachaidh a dhèanamh.

’S ann fo sgèith Fèisean nan Gàidheal a thathar a’ co-òrdanachadh a’ phròiseict seo.

Meanbh-chuileag

Fàs nan Ealain

Ceòl, obair ealain, bàrdachd: tha iad uile aig cridhe a’ phròiseict ùr-ghnathaich seo. ’S e Fàs, an t-ionad ùr airson nan gnìomhachasan cruthachail is cultarach, an dachaigh airson Ceòladair, Sgrìobhadair agus Neach-ealain na Colaiste aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha na trì greisean-còmhnaidh aig an luchd-ealain a’ toirt cothrom dhaibh a bhith ag obair còmhla agus thathar an dùil gum faicear toraidhean nach beag bhon cho-obrachadh seo, co-obrachadh agus ealain a bhios stèidhichte air dualchas saidhbhir nan Gàidheal. An-dràsta tha an neach-ciùil Ailean MacEanraig, am bàrd Maoilios Caimbeul, agus an dithis luchd-ealain sna h-ealain lèirsinneach Kate Whiteford agus Eòghann MacColla uile an sàs san sgeama inntinneach seo.

’S iad Sabhal Mòr Ostaig, Comhairle Ealain na h-Alba agus Acadamaidh Ealain Rìoghail na h-Alba a tha air cùl a’ phròiseict seo.

Fàs nan Ealain

Ag ionnsachadh rud no dhà

Ma tha daoine a’ coimhead airson dòigh mhath Gàidhlig ionnsachadh cha bu mhiste dhaibh cur a-steach airson Ulpan. ’S e cùrsa Gàidhlig ùr a th’ ann an Ulpan, stèidhichte air dòigh ionnsachaidh a chaidh a chruthachadh ann an Iosrael an toiseach agus a shoirbhich gu mòr sa Chuimrigh le Cuimris. Leis a’ chùrsa seo thathar a’ gealltainn gun ionnsaich daoine Gàidhlig gu luath tro shiùil èifeachdach agus tha Ulpan a’ cur prìomhachas air sgilean còmhraidh ionnsachadh do dhaoine aig an toiseach: thig sgrìobhadh agus leughadh ri ùine. Thathar a’ cur cudrom air cleachdadh cànain an àite gràmar gus ionnsachadh. Tha Clì Gàidhlig a’ tabhann a’ chùrsa seo ann an grunn àiteachan air feadh Alba agus tha iad a’ trèanadh barrachd is barrachd thidsearan gus an cùrsa seo a lìbhrigeadh.

’S iad Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha a’ toirt taic do Chlì Gàidhlig gus an cùrsa seo a lìbhrigeadh.

Ulpan

Follow us on: