Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Pròiseactan

Tha tòrr phròiseactan aig na buidhnean (organisations) Gàidhlig. Tha pròiseactan nàiseanta (national) ann, tha pròiseactan ionadail (local) ann agus tha pròiseactan anns na coimhearsnachdan (communities).

Gàidhlig air a’ Bhàta

Tha cothrom aig daoine anns a’ phròiseact seo a bhith a’ cluinntinn beagan Gàidhlig air na bàtaichean-aiseig aig Caledonian Mac a’ Bhruthainn. Faodaidh daoine ionnsachadh mu dhualchas (heritage) agus cànan nan Gàidheal nuair a tha iad a’ siubhal air a’ bhàta. Cluinnidh daoine beagan ciùil cuideachd.

Gàidhlig air a’ Bhàta

Meanbh-chuileag (Midge)

’S e buidheann dràma a th’ ann am Meanbh-chuileag. Bidh iad a’ dol gu sgoiltean agus a’ sealltainn dràma ann an Gàidhlig don chloinn. ’S e Dràma ann am Foghlam a chanas iad ris a’ phròiseact seo. Thòisich am pròiseact seo ann an 2000, agus thadhail Meanbh-chuileag air barrachd agus 200 bun-sgoil bhon a thòisich iad. Bidh an dràma aca a’ coimhead air cùisean (issues) cudromach mar bhlàthachadh na cruinne (global warming).

Meanbh-chuileag

Fàs nan Ealain (the Arts)

Tha ceòl, obair ealain (art/artwork literally) agus bàrdachd a’ tighinn còmhla anns a’ phròiseact seo. ’S e Fàs an t-ainm a th’ air an togalach (building) ùr aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. Anns an togalach ùr seo tha neach-ciùil (musician), neach-ealain (artist) agus bàrd/sgrìobhaiche ag obair còmhla ann am pròiseact Gàidhlig. Tha oifisean (offices) aca ann am Fàs.

Fàs nan Ealain

Ag ionnsachadh

’S e cùrsa Gàidhlig a th’ ann an Ulpan. Thòisich an dòigh ionnsachaidh (way of learning) seo ann an Israel agus an uair sin dh’fheuch iad e anns a’ Chuimrigh. Tha an cùrsa a’ teagasg tro chòmhradh an toiseach. Tha iad a’ teagasg leughadh agus sgrìobhadh cuideachd, ach tha Ulpan a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu math air bruidhinn an toiseach. Ma tha thu ag iarraidh fiosrachadh mu Ulpan, bu chòir dhut bruidhinn ri Clì Gàidhlig. Tha cùrsaichean Ulpan ann an tòrr àiteachan ann an Alba.

Ulpan

Follow us on: