Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Cothroman do dh’oileanaich le Gàidhlig

Cnag logo

Tha cothroman gu bhi aig oileanaich aig a bheil Gàidhlig greis a chuir seachad còmhla ri buidhnean agus gnìomhachasan air feadh Alba bho sgeama tha ga stiùireadh le Comunn na Gàidhlig, is a tha nis ga chuir air bhog airson 2010.

Dh’ fhoillsich CnaG gum faigh suas ri 20 oileanach pàirt a ghabhail ann an Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2010.


Tha e a’ toirt cothrom do dh’ oileanaich aig a bheil Gàidhlig, a bhith ag obair còmhla ri buidhnean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. A thuilleadh air a bhith a’ toirt eòlas obrach dhaibh, tha an Sgeama cuideachd a’ toirt cosnadh deich seachdainean do na h-oileanaich, rè mìosan an t-samhraidh.


Tha an Sgeama a’ toirt cothrom do na h-oileanaich eòlas fhaighinn air a bhith ag obair ann an suidheachadh far an cluinn iad a’ Ghàidhlig ’s far am faigh iad an cothrom a cleachdadh. A bharrachd air a’ bhuannachd seo dha na h-oileanaich fhèin, tha an Sgeama na chuideachadh mòr do na buidhnean Gàidhlig oir tha iad a’ faighinn cothrom sgilean nan oileanach a chur gu feum ann an obair làitheil na buidhne.


Ann an 2009, fhuair 30 oileanach greis gnìomhachais còmhla ri buidhnean an Leòdhas, Uibhist a-Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a-Deas, An t-Eilean Sgitheanach, Ìle, Tiriodh, Inbhir Nis is Glaschu.


Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Tha e follaiseach gum feum sinn na ‘s urrainn dhuinn a dhèanamh gus daoine òga a bhrosnachadh agus a mhisneachadh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh, agus gus tuigse ceart thoirt dhaibh gur e rud luachmhor a th’ann an comas labhairt na Gàidhlig ann an saoghal cosnaidh anns an latha th’ann. Tha an àireamh de dh’obraichean far am bheil fileantachd ‘s a’ Ghàidhlig a sìor dol a meud.”

Thuirt Alasdair MacLeòid bho Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, “Tha sinne gu math toilichte taic a chumail ris an Sgeama seo, oir tha e follaiseach dìreach cho cudromach sa tha a’ Ghàidhlig do dh’ eaconamaidh na sgìre againn. Tha an Sgeama soirbheachail seo na mheadhan air a’ bhuannachd sin a leudachadh. Cò aige tha fios nach faigh luchd-gnothaich soirbheachail na bliadhnaichean a tha ri teachd a’ chiad cothrom aca eòlas a chuir air saoghal obrach tron Sgeama seo.”

Thuirt Daibhidh Boag, Leasaiche Cànain Bhòrd na Gàidhlig: “Tha an Sgeama seo air a bhi soirbheachail anns na h-ochd bliadhna a chaidh seachad, le iarrtas mhòr air gach cuid bho na h-oileanaich fhèin, agus bho na buidhnean a th’air a bhi an sàs ann. Ann a bhi cruthachadh ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig, tha innleachdan agus cothroman mar seo cudromach ann a bhith dearbhadh do dhaoine gu bheil cothroman fìor mhath aca bith-beò a dhèanamh ma tha Gàidhlig aca.”


Bu chòir do dh’ oileanaich a tha ag iarraidh pàirt a ghabhail ann an Sgeama na bliadhna-sa iarrtas a chuir gu CnaG, 71 – 77 Sràid Chrombail, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2DG ro 2 Giblean 2010. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais, tadhailibh aig, http://www.cnag.org.uk/iomairtean/oigridh/greis.php


Bu chòir do bhuidhnean a tha a’ stiùireadh an cuid gnìomhachais tro mheadhan na Gàidhlig agus a tha airson pàirt a ghabhail san Sgeama le bhith a’ gabhail oileanaich fios a chuir gu CnaG aig an oifis ann an Steòrnabhagh. Fon: 01851 701802 agus P-dealain: donna@cnag.org.uk


Tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus air a’ stiùireadh le Comunn na Gàidhlig.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: