Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Cothroman (opportunities) do dh’oileanaich le Gàidhlig

Cnag logo

Tha cothroman ùra gu bhi aig oileanaich (students) aig a bheil Gàidhlig greis (time) a chuir seachad còmhla ri buidhnean agus gnìomhachasan (businesses) air feadh Alba bho sgeama tha ga stiùireadh le Comunn na Gàidhlig, is a tha nis ga chuir air bhog (launched) airson 2010.

Dh’ fhoillsich (announced) CnaG gum faigh suas ri 20 oileanach pàirt a ghabhail ann an Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach (Student Placement Scheme) 2010.


Tha e a’ toirt cothrom do dh’ oileanaich aig a bheil Gàidhlig, a bhith ag obair còmhla ri buidhnean a tha an sàs ann (engaged in) an leasachadh (development) Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. A thuilleadh air a bhith a’ toirt eòlas (experience) obrach dhaibh, tha an Sgeama cuideachd a’ toirt cosnadh (employment) deich seachdainean (weeks) do na h-oileanaich, rè mìosan an t-samhraidh.


Tha an Sgeama a’ toirt cothrom do na h-oileanaich eòlas fhaighinn air a bhith ag obair ann an suidheachadh (environment/setting) far an cluinn (hear) iad a’ Ghàidhlig ’s far am faigh iad an cothrom a cleachdadh (put to use). A bharrachd (furthermore) air a’ bhuannachd (benefit) seo dha na h-oileanaich fhèin, tha an Sgeama na chuideachadh (help) mòr do na buidhnean Gàidhlig oir tha iad a’ faighinn cothrom sgilean (skills) nan oileanach a chur gu feum ann an obair làitheil na buidhne.


Ann an 2009, fhuair 30 oileanach greis gnìomhachais còmhla ri buidhnean an Leòdhas, Uibhist a-Tuath, Beinn na Fadhla (Benbecula), Uibhist a-Deas, An t-Eilean Sgitheanach, Ìle, Tiriodh (Tiree), Inbhir Nis is Glaschu.


Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard (Chief Executive) ChnaG, “Tha e follaiseach (clear/evident) gum feum sinn na ‘s urrainn (able to) dhuinn a dhèanamh gus daoine òga a bhrosnachadh agus a mhisneachadh (inspire and encourage) gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh, agus gus tuigse (understanding) ceart thoirt dhaibh gur e rud luachmhor (valuable) a th’ann an comas labhairt na Gàidhlig ann an saoghal cosnaidh (employment) anns an latha th’ann. Tha an àireamh de dh’obraichean far am bheil fileantachd ‘s a’ Ghàidhlig a sìor dol a meud (required/desired).”

Thuirt Alasdair MacLeòid bho Iomairt na Gàidhealtachd (Highlands and Islands Enterprise) ’s nan Eilean, “Tha sinne gu math toilichte taic (support) a chumail ris an Sgeama seo, oir tha e follaiseach dìreach cho cudromach sa tha a’ Ghàidhlig do dh’ eaconamaidh na sgìre againn. Tha an Sgeama soirbheachail seo na mheadhan air a’ bhuannachd sin a leudachadh. Cò aige tha fios nach faigh luchd-gnothaich soirbheachail (successful heads of business) na bliadhnaichean a tha ri tighinn a’ chiad cothrom aca eòlas a chuir air saoghal obrach tron Sgeama seo.”

Thuirt Daibhidh Boag, Leasaiche Cànain Bhòrd na Gàidhlig: “Tha an Sgeama seo air a bhi soirbheachail anns na h-ochd bliadhna a chaidh seachad, le iarrtas (demand) mhòr air gach cuid bho na h-oileanaich fhèin, agus bho na buidhnean a th’air a bhi an sàs ann. Ann a bhi cruthachadh (create) ginealach ùr (new generation) de luchd-labhairt na Gàidhlig, tha innleachdan (initiatives) agus cothroman mar seo cudromach ann a bhith dearbhadh (showing) do dhaoine gu bheil cothroman fìor mhath aca bith-beò (livelihoods) a dhèanamh ma tha Gàidhlig aca.”


Bu chòir do dh’ oileanaich a tha ag iarraidh pàirt a ghabhail ann an Sgeama na bliadhna-sa (this year) iarrtas (application) a chuir gu CnaG, 71 – 77 Sràid Chrombail, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2DG ro 2 Giblean (April) 2010. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais, tadhail air, http://www.cnag.org.uk/iomairtean/oigridh/greis.php


Bu chòir do bhuidhnean a tha a’ stiùireadh an cuid gnìomhachais tro mheadhan na Gàidhlig agus a tha airson pàirt a ghabhail san Sgeama le bhith a’ gabhail oileanaich fios a chuir gu CnaG aig an oifis ann an Steòrnabhagh. Fon: 01851 701802 agus P-dealain: donna@cnag.org.uk


Tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach air a mhaoineachadh le (funded by) Bòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus air a’ stiùireadh le Comunn na Gàidhlig.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: