Tha Aon, Dhà, Tri…. ag amas (aims) air clann-sgoile a tha air ùr thòiseachadh anns a’ Bhun-sgoil. Bheir an làrach taic is cuideachadh (support and help) do phàrantan agus tidsearan. Faigh tuilleadh fiosrachadh aig www.bbc.co.uk/aondhatri.
Tha an làrach ùr Bitesize ag amas air fileantaich (fluent speakers) agus air oileanaich a bhios a’ suidhe deuchainnean (exams) Gàidhlig aig ìre Coitcheann (Standard Grade). Tha cuspairean (subjects) air an tabhainn ann an criomagan beaga (bit- size chunks) agus tha taic ann le gràmar. Chìthear Bitesize aig www.bbc.co.uk/foghlam.
Tha na làraich seo a’ cuir ris na goireasan (resources) ionnsachaidh a tha ri lorg air làrach BBC ALBA, a’ tabhainn farsaingeachd de chùrsaichean is taic do sgoilearan is luchd ionnsachaidh aig diofar ìrean is aoisean. Nam measg tha an làrach soirbheachail (successful) “Beag air Bheag” a tha a’ stiùireadh (guiding) luchd-ionnsachaidh tro na ciad ceumannan (steps) sa chànain www.bbc.co.uk/beagairbheag.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceann Seirbhis (Head of Services) BBC ALBA “Tha sinn air leth toilichte gu bheil na làraich ùr seo againn. Tha tòrr fiosrachaidh nan lùib (amongst) airson pàrantan agus tidsearan agus tha iad ann an cruth is dreach tlachdmhor , spòrsail a tha sinn an dòchas a bhios tarraingeach (helpful) do chloinn agus oileanaich.”
There are no comments on this item.