Tha Aon, Dhà, Tri…. ag amas air clann-sgoile a tha air ùr thòiseachadh anns a’ Bhun-sgoil. Bheir an làrach taic is cuideachadh do phàrantan agus tidsearan. Gheibhear tuilleadh fiosrachadh air www.bbc.co.uk/aondhatri.
Tha an làrach ùr Bitesize ag amas air fileantaich agus air oileanaich a bhios a’ suidhe deuchainnean Gàidhlig aig ìre Coitcheann. Tha cuspairean air an tabhainn ann an criomagan beaga agus tha taic ann le gràmar. Chìthear Bitesize aig www.bbc.co.uk/foghlam.
Tha na làraich seo a’ cuir ris na goireasan ionnsachaidh a tha rin lorg air làrach BBC ALBA, a’ tabhainn farsaingeachd de chùrsaichean is taic do sgoilearan is luchd ionnsachaidh aig diofar ìrean is aoisean. Nam measg tha an làrach soirbheachail “Beag air Bheag” a tha a’ stiùireadh luchd-ionnsachaidh tro na ciad ceumannan sa chànain www.bbc.co.uk/beagairbheag.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceann Seirbhis BBC ALBA “Tha sinn air leth toilichte gu bheil na làraich ùr seo againn. Tha tòrr fiosrachaidh nan lùib airson pàrantan agus tidsearan agus tha iad ann an cruth is dreach tlachdmhor, spòrsail a tha sinn an dòchas a bhios tarraingeach do chloinn agus oileanaich.”
There are no comments on this item.