Tha Fèis Cheilteach Innse Gall, a fhuair an duais airson ‘Tachartas na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta MG ALBA an-uiridh, air cuid de na daoine a bhios a’ cluich aig fèis na bliadhna-sa ainmeachadh. Thèid an fhèis a chumail ann an àite cho brèagha agus a th’ ann, Leòdhas, eadar 14-17 Iuchar.
Chithear grunn den luchd-chiùil Cheilteach as ainmeile a th’ againn an-diugh air an àrd-ùrlar san ‘Teanta Ghorm’. Nam measg, agus an liosta seo a’ sìor fhàs nas motha, bidh: Runrig, Imelda May, Julie Fowlis, Treacherous Orchestra, Adrian Edmondson agus na Bad Shepherds, Blazin’ Fiddles, Breabach, Iain Moireasdan, The Fox Hunt, agus Na Poozies.
Thuirt Stiùiriche na Fèise, Caroline NicIllInnein, “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ foillseachadh prògram a tha loma-làn de luchd-ciùil iomraiteach agus cluinnear ceòl a tha an dà chuid traidiseanta agus ùr-nòsach. Bidh Runrig againn, còmhlan air a bheil fèill mhòr an Alba, agus am measg na farsaingeachd ciùil cluinnidh daoine punk air a chluich le ionnstramaidean traidiseanta, ceòl le blas Afraganach, agus òrain àlainn Ghàidhlig. Bidh tòrr ann a bheir togail do na mìltean de dhaoine a thig chun na fèise.”
Dh’innis an còmhlan èasgaidh à Alba, Treacherous Orchestra, do Heb Celt: “Tha sinn air ar dòigh gun d’fhuair sinn cuireadh chun na 15mh Heb Celt, fèis a tha dìreach sgoinneil, agus còmhla ri luchd-èisteachd na fèise nì sinn gàirdeachas ris an 15mh fèis agus sinn uile nar boil. Duine sam bith a chunnaic sinn mu thràth, agus a bha a’ smaoineachadh gu robh sinn cràite, fuirich gus am faic iad sinn ann an Leòdhas. Bu chòir muinntir an teanta a bhith deiseil gus an teanta a chumail na àite, oir tha sinn a’ dol chur an teanta ghuirm air chrith!”
Bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn còmhla ann an Leòdhas gach bliadhna gus èisteachd ri cuid den cheòl as fheàrr a chluinnear anns na ceithir ranna ruadh. Cuiridh muinntir Leòdhais fàilte mhòr, chridheil orra agus gheibh iad pailteas craic fhad ’s a tha iad seo. Leis gu bheil aiseagan a’ ruith air Latha na Sàbaid airson a’ chiad uair riamh aig àm na fèise agus le cruinneachadh cho mìorbhaileach de luchd-ciùil, ’s cinnteach gum bi an 15mh Fèis Cheilteach Innse Gall dìreach sgoinneil.
Bu thoigh leinn na stòiridhean agad mun fhèis seo a chluinntinn, no innis dhuinn ma tha thu an dùil a dhol ann. Carson nach fhàg thu beachd gu h-ìosal agus innis dhuinn dè tha thu a’ smaoineachadh mun luchd-chiùil a bhios ann am-bliadhna no thoir comhairle do dhaoine a tha ’s dòcha am beachd a dhol ann airson a’ chiad uair!!
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus fiosrachadh mu cò tha a’ cluich briog an seo.
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.