Dh’innis Fèis Cheilteach Innse Gall dhuinn mu dheidhinn cuid de na daoine a bhios a’ cluich aig an fhèis am-bliadhna. Fhuair an fhèis duais, airson ‘Tachartas (event) na Bliadhna’, aig na Duaisean MG ALBA airson ceòl traidiseanta an-uiridh. Thèid an fhèis a chumail eadar 14 is 17 Iuchar ann an Leòdhas.
Chì daoine tòrr luchd-ciùil Ceilteach ainmeil aig an fhèis agus bidh iad a’ cluich san ‘Teanta Ghorm’. Am measg nan daoine a bhios a’ cluich tha: Runrig, Imelda May, Julie Fowlis, Treacherous Orchestra, Adrian Edmondson agus na Bad Shepherds, Blazin’ Fiddles, Breabach, Iain Moireasdan, The Fox Hunt, agus Na Poozies.
Thuirt Stiùiriche (Director) na Fèise, Caroline NicIllInnein, “Tha sinn air leth toilichte gu bheil prògram againn a tha loma-làn de luchd-ciùil ainmeil, agus cluinnidh daoine tòrr diofar stoidhlichean (styles). Bidh Runrig againn, còmhlan as toigh le daoine gu mòr ann an Alba, agus am measg nan diofar stoidhlichean cluinnidh daoine punk air a chluich le ionnstramaidean traidiseanta, ceòl le blas Afraganach, agus òrain àlainn Ghàidhlig. Bidh tòrr ann a chòrdas ris na mìltean de dhaoine a thig chun na fèise.”
Dh’innis an còmhlan à Alba, Treacherous Orchestra, do Heb Celt: “Tha sinn air ar dòigh gun d’fhuair sinn cuireadh chun na 15mh Heb Celt, fèis a tha dìreach sgoinneil, agus còmhla ri luchd-èisteachd na fèise bidh tòrr spòrs againn. Ma bha daoine a’ smaoineachadh gu robh sinn cràite (crazy) mu thràth, fuirich gus am faic iad sinn ann an Leòdhas. Bu chòir muinntir an teanta a bhith deiseil gus an teanta a chumail na àite, oir tha sinn a’ dol chur an teanta ghuirm air chrith (shaking)!”
Bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn còmhla ann an Leòdhas gach bliadhna gus èisteachd ri cuid den cheòl as fheàrr a th’ ann. Cuiridh muinntir Leòdhais fàilte mhòr, chridheil orra agus bidh tòrr spòrs aca. Airson a’ chiad uair riamh tha aiseagan a’ ruith air Latha na Sàbaid aig àm na fèise agus tha sinn cinnteach gum bi an 15mh Fèis Cheilteach Innse Gall sgoinneil, oir tha tòrr luchd-ciùil math gu bhith a’ cluich ann.
Bu thoigh leinn na stòiridhean agad mun fhèis seo a chluinntinn, no innis dhuinn ma tha thu an dùil a dhol ann. Carson nach fhàg thu beachd gu h-ìosal agus innis dhuinn dè tha thu a’ smaoineachadh mun luchd-chiùil a bhios ann am-bliadhna no thoir comhairle do dhaoine a tha ’s dòcha a’ dol ann airson a’ chiad uair!!
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus fiosrachadh mu cò tha a’ cluich briog an seo.
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.