Fhuair Ciorstaidh Anna NicPhàrlain clàr cuimhneachaidh bho chathraiche na buidhne Uilleam Roe aig latha ealain is ciùil a chaidh a chumail leis na Fèisean do chlann sgoile ann an Ulapul an t-seachdain sa chaidh.
Tha an neach-ciùil, 19 bliadhna a dh’aois, ag obair aig Fèis Rois a tha stèidhichte ann an Inbhir Pheofharain agus thòisich i mar phreantas sna Gnìomhachasan Cruthachail nas tràithe air a’ mhìos seo.
Gheall Riaghaltas na h-Alba gun toireadh iad taic do 18,500 Nuadh- phreantasan ùra mar phàirt de Bhuidseat na bliadhna an-uiridh. Tha 20,000 duine ann an Alba a-nis air sgilean ionnsachadh tron phrògram aig Leasachadh Sgilean na h-Alba airson Nuadh-phreantasan thairis air a’ bhliadhna a dh’ fhalbh.
Thuirt Ministear Sgilean Keith MacIlleDhuinn: “Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air Ciorstaidh Anna agus Fèis Rois, agus air gach fear is tè de na 20,000 nuadh-phreantas a thòisich an trèanadh aca thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh.
“A’ togail air mar a shoirbhich dhuinn am-bliadhna, tha sinn air targaidean àrd-amasach a chur romhainn, agus bidh sinn a’ cur trèanadh gu feum mar nach do rinn sinn riamh gus an tig piseach air an eaconamaidh. Bidh sinn a’ tabhann taghadh farsaing de chothroman do dhaoine, nam measg bidh 15,000 greisean preantais agus 5000 greisean trèanaidh a fhreagras air an iarrtas bho luchd-fastaidh agus a nì feum do dhaoine nan dreuchdan.”

Thuirt Cathraiche Leasachadh Sgilean na h-Alba, Uilleam Roe: “’S e latha mòr a tha seo do Chiorstaidh Anna agus a luchd-fastaidh. Tha e a’ sealltainn mar a tha na prògraman, Nuadh-phreantasan agus ScotAction, a’ toirt trèanadh agus ag ionnsachadh sgilean do mhuinntir na h-Alba aig àm gu math cugallach don eaconamaidh.
“Tha e a’ sealltainn mar a shoirbhich do dhaoine ann a bhith a’ leudachadh chothroman obrach do dhaoine air feadh grunn roinnean gnìomhachais. Agus tha e a’ toirt fianais air obair chruaidh nam preantasan, an luchd-fastaidh, an luchd-trèanaidh agus an luchd-obrach aig Leasachadh Sgilean na h-Alba.
“Seo a’ chiad turas a thòisich 20,000 Nuadh-phreantas ùr ann an Alba taobh a-staigh aon bhliadhna, agus tha an àireamh seo a dhà uiread agus a bha i o chionn dà bhliadhna. Abair moladh air luchd-fastaidh na h-Alba.”
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.