Fhuair Ciorstaidh Anna NicPhàrlain clàr cuimhneachaidh (commemorative plaque) bho chathraiche Leasachadh Sgilean na h-Alba, Uilleam Roe, an t-seachdain sa chaidh. Chùm na Fèisean latha ealain is ciùil do chlann sgoile ann an Ulapul an latha sin.
Tha Ciorstaidh Anna na neach-ciùil agus tha i 19 bliadhna a dh’aois. Tha i ag obair aig Fèis Rois ann an Inbhir Pheofharain agus thòisich i mar phreantas nas tràithe air a’ mhìos seo.
Gheall Riaghaltas na h-Alba gun toireadh iad taic do 18,500 Nuadh-phreantasan ùra mar phàirt den Bhuidseat aca an-uiridh. Dh’ionnsaich 20,000 duine ann an Alba sgilean ùra tron phrògram aig Leasachadh Sgilean na h-Alba airson Nuadh-phreantasan thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh.
Thuirt am Ministear airson Sgilean, Keith MacIlleDhuinn: “Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air Ciorstaidh Anna agus Fèis Rois, agus tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air an 20,000 preantas a thòisich an trèanadh aca thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh.
“Rinn sinn glè mhath am-bliadhna agus bidh sinn ag iarraidh gun dèan sinn a cheart cho math an ath bhliadhna. Bidh trèanadh a’ cuideachadh gu mòr leis an eaconamaidh. Bidh sinn a’ toirt cothrom do 15,000 duine a bhith nam preantas, agus bidh cothrom aig 5000 eile air trèanadh.”

Thuirt Cathraiche Leasachadh Sgilean na h-Alba, Uilleam Roe: “’S e latha mòr a th’ ann do Chiorstaidh agus do Fhèis Rois. Tha seo a’ sealltainn dhuinn mar a tha na prògraman seo, Nuadh-phreantasan agus ScotAction, ag obair gu math. Tha na prògraman seo ag ionnsachadh sgilean do dhaoine ann an Alba aig àm nuair a tha an eaconamaidh gu math cugallach (unstable).
“Tha am prògram a’ sealltainn mar a tha sinn ann an Alba a’ toirt chothroman obrach do dhaoine. Agus tha mar a shoirbhich (succeeded) leis a’ phrògram seo a’ sealltainn cho cruaidh agus a bha a h-uile duine ag obair.
“Cha robh riamh 20,000 Nuadh Phreantas ùr ann an Alba ann an aon bhliadhna. O chionn dà bhliadhna bha an àireamh de Nuadh-phreantasan nas fhaisge air 10,000. Tha seo a’ sealltainn dhuinn cho math agus a tha luchd-fastaidh (employers) ann an Alba a’ dèanamh.”
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.