Tha pailteas de còmhradh beòthail aig Tony mar is àbhaist agus tha e tairgsinn biadh a tha, tha esan an dòchas, a rèir rudan air a bheil gach neach miannach. Cluinnidh sinn cuimhneachain, sgeulachdan èibhinn, beachdan làidir is eile – bho làithean òige gu bhith siubhal an t-saoghail. Dè an t-àite th’aig biadh nar beatha? Slàinte, còcaireachd, dùthchannan cèin – tha iad uile a’ toirt buaidh air na dh’itheas sinn, agus tha am beachd fhèin aig gach neach.
A-measg na Gaidheil a bhios a’ tadhal air Tony, tha am fear-ciùil ainmeil Fergie Dòmhnallach; Rhoda NicDhòmhnaill (“Speaking Our Language”), Mairead NicLeòid bho Na h-Òganaich, agus Tommy MacAsgaill air a bheil luchd-èisdeachd Radio nan Gàidheal glè eòlach. Tha Tommy air a bhith dà fhichead bliadhna a’ fuireach ann an Lunnainn – cluinnidh sinn a’ bheachd air biadh as a’ bhaile mhòr sin, bho na ‘60s suas gu taighean-bìdh ainmeil an là diugh.
Suidhichte ann an seòmar-bìdh àlainn, a chaidh a dhealbhachadh a dh’aona ghnothaich, air bruaichean abhainn Chluaidh an Glaschu, tha “Blasad” a’ toirt luaidh air biadh is càirdeas - mar a chanas Tony – “do mhiann air truinnsear.”
Chaidh “Blasad” a riochdachadh leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach Sorbier Productions - Diardaoin 8mh Giblean @ 8.30f
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.