Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Thoir dhuinn BBC ALBA air Freeview!

le mygaelic.com

BBC ALBA Logo (2 colour PMS)

Dh’fhoillsich Urras a’ BhBC air Dimàirt 23 Màrt gu robh iad air an ceann-latha airson deireadh an sgrùdaidh aca air BBC ALBA a chur air ais. Bhathar an dùil ri co-dhùnadh mun t-sianal air Freeview sa Ghiblean, ach bidh dàil sa chùis a-nis.

’S e bristeadh-dùil mòr a th’ ann agus tha sinne aig mygaelic.com den bheachd gum bu chòir cothrom a bhith aig an uiread as urrainnear de dhaoine air BBC ALBA!

Tha sinn ag iarraidh ar taic do BhBC ALBA a nochdadh, agus tha sinn feumach air ur cuideachadh! Tha sinn air athchuinge air-loidhne a chur air dòigh do dhaoine a tha air an aon ràmh.

Dìreach cuir d’ ainm ris an athchuinge gus ur taic do BhBC ALBA a nochdadh. Cruinnicheamaid nas urrainn dhuinn de dh’ainmean agus seallaidh sinn gu bheil iarrtas ann airson BBC ALBA air Freeview AN-DRÀSTA FHÈIN!

Innis do dhaoine mu dheidhinn agus briog an seo gus d’ ainm a chur ris an athchuinge agus cuir post-d le beachdan chun Urrais aig: trust.enquiries@bbc.co.uk le leth-bhreac gu: oifis@gaidhlig.org.uk

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

    Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

    ThaYes
    Chain eilNo
    Groups

    NaidheachdanNews

    Cuir sanas an seoAdvertise Here

    Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

    To advertise here, email advertising@mygaelic.com