Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Plana Gnìomh Bhòrd na Gàidhlig

BNG logo

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh poblach le uallach airson a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig, air Aithisg Gnìomha a chur chun Riaghaltais, a’ mìneachadh am planaichean airson astar a chur anns an àireamh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus ga cleachdadh, agus cuideachd dòighean nas èifeachdaiche air a bhith ag obair agus a’ cleachdadh an cuid stòrais.

Tha am Plana Gnìomha a’ mìneachadh ceumannan practaigeach agus deatamach airson àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig fhàs air feadh Alba. Tha e ag amas air Taic do Phàrantan, Brosnachadh, Ionnsachadh do dh’Inbhich, Foghlam ro-sgoile agus sgoile, agus a’ tairgse gnìomhan ro-innleachdail taobh staigh suimean ionmhais agus clàir-ama soilleir.


Anns an Ro-Ràdh aige sa Phlana Gnìomha, tha Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig Art MacCarmaig ag ràdh: “Tha am Plana Gnìomha seo ag aithneachadh gu bheil co-theacs mòran nas fharsainge ann a tha a’ dealbh ar cuid breithneachaidh agus co-dhùnaidhean air Gàidhlig a thoirt do ar cuid chloinne, a bhith gam foghlam tron Ghàidhlig agus a bhith a’ toirt barrachd cothroman do dh’inbhich a bhith ag ionnsachadh a’ chànain. Chan eil aon fhreagairt fa-leth ann mu choinneamh nan dùbhlan a tha romhainn agus chan eil aon fhuasgladh ann air a’ cheist ciamar as urrainn dhuinn tilleadh a thoirt air crìonadh na Gàidhlig? Bidh raon de ro-innleachdan a dhìth ann an dòigh structarail a choisinneas tèarainnteachd na Gàidhlig dhuinn.”


Ann a bhith a’ cruthachadh fòcas às-ùr, bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cur barrachd cudrom air modhan obrach a tha a’ cur ri bhith a’ togail na Gàidhlig, agus a-measg sin bidh amasan soilleir taobh staigh Phlanaichean Gàidhlig, agus gu h-àraidh an fheadhainn a bhoinneas do bhuidhnean foghlaim. Feumaidh am Bòrd dearbhadh gu bheil a’ bhuannachd as motha a ghabhas faotainn air a bhuinnig tro lìbhrigeadh a’ Phlana Gnìomha seo. Bidh seo cuideachd a’ gabhail a-staigh measadh air an structaran a tha ag obair ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig an dràsta agus tachraidh sin anns na tri mìosan a tha romhainn. Bidh ionmhas air a ghealltainn a’ dol air adhart mu choinneamh chomasan a bhith a’ tighinn suas ri amasan agus rùintean a’ Bhùird.


Airson barrachd fiosrachadh faic làrach a’ Bhùird.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: