Tha am Plana Gnìomha a’ mìneachadh ceumannan practaigeach (practical steps) agus àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig fhàs air feadh (all over) Alba. Tha e ag amas air Taic (support) do Phàrantan, Brosnachadh, Ionnsachadh do dh’Inbhich (Adult learning), Foghlam ro-sgoile agus sgoile, agus a’ tairgse gnìomhan ro-innleachdail taobh staigh suimean ionmhais agus clàir-ama (timeframes) soilleir (clear).
Anns an Ro-Ràdh (foreword) sa Phlana Gnìomha, tha Cathraiche (Chair) Bhòrd na Gàidhlig Art MacCarmaig ag ràdh: “Tha am Plana Gnìomha seo ag aithneachadh (recognises) gu bheil co-theacs mòran nas fharsainge ann a tha a’ dealbh ar cuid breithneachaidh agus co-dhùnaidhean air Gàidhlig a thoirt do ar cuid chloinne, a bhith gam foghlam tron Ghàidhlig agus a bhith a’ toirt barrachd (more) cothroman do dh’inbhich a bhith ag ionnsachadh (learning) a’ chànain. Chan eil aon fhreagairt (answer) fa-leth ann mu choinneamh nan dùbhlan a tha romhainn (before us/ faced by us) agus chan eil aon fhuasgladh ann air a’ cheist ciamar as urrainn dhuinn tilleadh a thoirt air crìonadh na Gàidhlig? Bidh raon de ro-innleachdan a dhìth ann an dòigh structarail a choisinneas tèarainnteachd na Gàidhlig dhuinn.”
Ann a bhith a’ cruthachadh fòcas às-ùr, bidh Bòrd na Gàidhlig a’ cur barrachd cudrom air modhan obrach (initiatives) a tha a’ cur ri bhith a’ togail na Gàidhlig, agus a-measg (amongst/including) sin bidh amasan soilleir taobh staigh Phlanaichean Gàidhlig, agus gu h-àraidh (especially) an fheadhainn a bhoinneas (belongs to) do bhuidhnean foghlaim. Feumaidh am Bòrd dearbhadh (ensure) gu bheil a’ bhuannachd (benefits) as motha a ghabhas faotainn air a bhuinnig tro lìbhrigeadh (delivery) a’ Phlana Gnìomha seo. Bidh seo cuideachd a’ gabhail a-staigh measadh air an structaran a tha ag obair ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig an dràsta agus tachraidh (this will happen) sin anns na tri mìosan a tha romhainn (before us). Bidh ionmhas air a ghealltainn a’ dol air adhart mu choinneamh chomasan a bhith a’ tighinn suas ri amasan agus rùintean a’ Bhùird.
Airson barrachd fiosrachadh faic làrach a’ Bhùird.
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.