- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Daoine
Tha gu leòr daoine as aithne dhuinn uile le Gàidhlig a tha air ainm a chosnadh dhaibh fhèin am measg nan Gàidheal no san t-saoghal mhòr. Tha daoine mar Donaidh Rothach, Julie Fowlis agus Alasdair Moireasdan air soirbheachadh nan dreuchdan nar latha fhèin, no ann an eachdraidh tha ainmean mar Fionnghal NicDhòmhnaill a’ maireachainn fada air chuimhne airson na rinn iad.
Ach, tha daoine ainmeil eile ann cuideachd nar latha-ne aig a bheil ceangal ris na h-eileanan, no ris a’ Ghàidhealtachd, no ri Gàidhlig fhèin. ’S dòcha gur ann à Leòdhas a bha am màthair, no an seanmhair, ach chan eil Gàidhlig aca fhèin. ’S math dh’fhaodte gu bheil na daoine seo air cliù a chosnadh dhaibh fhèin tro chraoladh, poilitigs no gnìomhachas, ach chan eil iad air dìochuimhneachadh mu dheidhinn nam freumhan làidir Gàidhlig no Gàidhealach aca.
’S iomadh duine, ainmeil is eile, a tha a’ bruidhinn Gàidhlig no aig a bheil ceangal ri Gàidhlig no ris na sgìrean Gàidhlig. Tha ar saoghal nas motha na bha thu an dùil.
