Bidh iad a’ cumail na fèise, Ceòlas, ann an Uibhist a Deas, eilean eireachdail sna h-Eileanan Siar, agus ma thèid thu ann, faodaidh tu clas a ghabhail ann am pìobaireachd, fìdhleireachd, seinn, ruidhlichean (reels) Albannach agus Quadrilles, dannsa ceum agus ann an Gàidhlig. Cluinnidh tu Gàidhlig gu leòr ann an Uibhist a Deas agus mar sin gheibh thu deagh chothrom do chuid Gàidhlig a chur gu feum. Chì thu tràighean brèagha agus faodaidh tu falbh air grunn chuairtean tron eilean bhrèagha seo. A thuilleadh air sin, coinnichidh tu ri sluagh a tha air leth càirdeil is aoigheil (welcoming), agus ’s toil leotha cèilidhean. Chan eil gu diofar dè na rudan as toil leat, tha sinn cinnteach gun còrdadh Ceòlas riut!
Bidh luchd-ciùil agus dannsairean ainmeil a’ teagasg aig an fhèis. Airson seinn bidh Màiri NicAonghais, Gillebrìghde MacGilleMhaoil, Maighread Stiùbhart, Rona Lightfoot & Catrìona Garbutt uile ann! Agus am measg nan daoine ainmeil eile a bhios a’ teagasg ceòl is dannsa bidh Fin Moore, Ailean Dòmhnallach, agus Frank McConnell.
Thèid an fhèis a chumail eadar 4-9 Iuchar. Agus tha iad an dòchas gum bi sìde mhath ann, ach ged nach bi a’ ghrian a’ deàrrsadh, tha iad cinnteach gun còrd an t-seachdain riut ma thig thu gu Ceòlas!
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu àiteachan-fuirich is siubhail, agus airson àite a ghleidheadh (book), briog an seo
There are no comments on this item.