Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Ceòlas

Bidh daoine a’ tighinn a dh’Alba airson diofar adhbharan. Tha an ceòl ann, an dannsa, na seallaidhean brèagha, na daoine, an cànan agus tha an eachdraidh ann, agus tha na rudan seo uile a’ tàladh (attracting) tòrr dhaoine gu Alba. ’S e sgoil-shamhraidh (summer school) airson ceòl is dannsa a th’ ann an Ceòlas agus tha na nithean uile gu h-àrd nam pàirt dhi.

Bidh iad a’ cumail na fèise, Ceòlas, ann an Uibhist a Deas, eilean eireachdail sna h-Eileanan Siar, agus ma thèid thu ann, faodaidh tu clas a ghabhail ann am pìobaireachd, fìdhleireachd, seinn, ruidhlichean (reels) Albannach agus Quadrilles, dannsa ceum agus ann an Gàidhlig. Cluinnidh tu Gàidhlig gu leòr ann an Uibhist a Deas agus mar sin gheibh thu deagh chothrom do chuid Gàidhlig a chur gu feum. Chì thu tràighean brèagha agus faodaidh tu falbh air grunn chuairtean tron eilean bhrèagha seo. A thuilleadh air sin, coinnichidh tu ri sluagh a tha air leth càirdeil is aoigheil (welcoming), agus ’s toil leotha cèilidhean. Chan eil gu diofar dè na rudan as toil leat, tha sinn cinnteach gun còrdadh Ceòlas riut!

Bidh luchd-ciùil agus dannsairean ainmeil a’ teagasg aig an fhèis. Airson seinn bidh Màiri NicAonghais, Gillebrìghde MacGilleMhaoil, Maighread Stiùbhart, Rona Lightfoot & Catrìona Garbutt uile ann! Agus am measg nan daoine ainmeil eile a bhios a’ teagasg ceòl is dannsa bidh Fin Moore, Ailean Dòmhnallach, agus Frank McConnell.

Thèid an fhèis a chumail eadar 4-9 Iuchar. Agus tha iad an dòchas gum bi sìde mhath ann, ach ged nach bi a’ ghrian a’ deàrrsadh, tha iad cinnteach gun còrd an t-seachdain riut ma thig thu gu Ceòlas!

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu àiteachan-fuirich is siubhail, agus airson àite a ghleidheadh (book), briog an seo

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: