Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

AG IONNSACHADH GÀIDHLIG AS T-SAMHRADH

by mygaelic.com

Innsidh sinn dhut càite an ionnsaich thu Gàidhlig as t-samhradh! Chan eil e gu diofar dè an ìre aig a bheil thu, tha sinn cinnteach gum bi rudeigin ann dhut... agus don chloinn!

Tha tòrr rudan a’ tachairt nuair a tha an teirm acadaimeagach ann. Gheibh thu cùrsaichean is cothroman Gàidhlig ionnsachadh sna h-oilthighean, colaistean agus aig cuid a bhuidhnean. Ach dè thachras nuair a tha na làithean-saora ann? Tha fhathast tòrr chlasaichean oidhche, cùrsaichean bogaidh, seachdainean teaghlaich, fèisean agus tòrr rudan eile far am faod thu Gàidhlig ionnsachadh no a chluinntinn! Chan eil e gu diofar dè cho fileanta sa tha thu no dè an aois a tha thu, tha sinn cinnteach gum bi tachartasan Gàidhlig ann dhut a chumas tu air do bhogadh sa chànan.

Tha sinn ag innse dhut gu h-ìosal mu chlasaichean, cùrsaichean, buidhnean agus tachartasan a tha air leth math agus bheir iad cothrom dhut Gàidhlig a chluinntinn agus a bhruidhinn thairis air an t-samhradh. Tha trì earrainnean (sections) ann: luchd-tòiseachaidh, eadar-mheadhanach (intermediate) agus adhartach/fileanta. Chì thu dè na rudan a tha a’ tachairt agus cò dh’fhaodadh do chuideachadh.


Ìre – Luchd-tòiseachaidh

Seo agad cuid de na cùrsaichean airson daoine a tha dìreach a’ tòiseachadh ag ionnsachadh a’ chànain. Tha na cùrsaichean seo fìor mhath airson daoine a tha ag iarraidh tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh, agus bheir iad dhut beagan misneachd sa chànan. Mura h-eil facal Gàidhlig agad, agus thu ag iarraidh beagan ionnsachadh, tha an taic ann!


Molaidhean

Cùrsaichean Goirid – Sabhal Mòr Ostaig: Seachdain de chùrsaichean airson a h-uile ìre, luchd-tòiseachaidh cuideachd! Tha iad a’ tòiseachadh air 12mh an t-Iuchar agus bidh iad a’ leantainn gu deireadh an Lùnastail. Seo agad cothrom mìorbhaileach beagan den chànan a thogail agus bidh thu air do bhogadh sa Ghàidhlig aig Colaiste Ghàidhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig. Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh. Fios gu: Susanne NicDhòmhnaill sm00cg@groupwise.uhi.ac.uk

Gàidhlig: A’ Chiad Ìre aig Oilthigh Ghlaschu: Tha an cùrsa seo ag amas air daoine aig nach eil facal Gàidhlig, agus thèid a chumail aig an aon àm sa tha Fèis Ceann an Iar Ghlaschu a’ dol air adhart, bidh e a’ tòiseachadh air 14mh Ògmhios agus a’ crìochnachadh air 25mh Ògmhios. Ionnsaich beagan Gàidhlig aig an aon àm sa tha an fhèis ann! Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh, Fios gu: Coinneach Milligan k.milligan@educ.gla.ac.uk

Cùrsa Ùlpan airson 6 làithean – Inbhir Nis: Tha cùrsa Ùlpan, Aonadan 1-6, ga chumail ann an Inbhir Nis bho 28mh Iuchar gu 2mh Lùnastal. ’S e cùrsa math dha-rìribh a th’ ann an Ùlpan, tha e ag ionnsachadh do dhaoine mar a tha iad a’ bruidhinn agus a’ leughadh agus a’ sgrìobhadh Gàidhlig. Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh mun chùrsa seo agus cùrsaichean Ùlpan eile. Fios gu: Mechthild Graeme ulpan@cli.org.uk

Gàidhlig is Spòrs – Sabhal Mòr Ostaig: Tha seo ag amas air daoine gun facal Gàidhlig, ach tha rudeigin eadar-dhealaichte mun chùrsa seo. Bidh daoine ag ionnsachadh fhad ’s a tha iad a’ dèanamh rudan a-muigh. Còrdaidh an cùrsa seo ri daoine, tha e inntinneach agus eadar-dhealaichte. Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.


A bheil thu fhathast ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mun Ghàidhlig agus mu na tha a’ dol as t-samharadh:

Sabhal Mòr Ostaig

Clì Gàidhlig

Comunn na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Fèisean nan Gàidheal

Airson tuilleadh cheanglaichean, briog an seo agus chì thu tòrr a bharrachd san earrainn againn, ‘Ag Ionnsachadh’.


Ìre – Eadar-mheadhanach

Gu h-ìosal tha fiosrachadh airson daoine a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig ionnsachadh. Bidh feadhainn de na cùrsaichean seo ag amas air daoine a dh’ionnsaich beagan Gàidhlig mu thràth. Cuideachd, bidh feadhainn de na cùrsaichean freagarrach do dhaoine a tha ag iarraidh togail air na rudan a dh’ionnsaich iad mu thràth.


Molaidhean

Fèisean – airson na cloinne: Tha fèisean air feadh na h-Alba a’ toirt cothrom do chloinn is deugairean (teenagers) a dhol an sàs ann an diofar thachartasan, agus iad uile tro mheadhan na Gàidhlig. Chan fheum a’ chlann a bhith fileanta sa Ghàidhlig, ach tha sinn cinnteach gun till iad dhachaigh le faclan is abairtean ùra Gàidhlig, a thuilleadh air caraidean is sgilean ùra! Briog an seo gus am faic thu cò na fèisean a tha faisg ort. Tha rudeigin ann airson a h-uile ìre cànain!

Òrain Ghàidhlig: Bidh tòrr dhaoine ag ionnsachadh na Gàidhlig a chionn ’s gun toil leotha òrain Ghàidhlig. Carson nach tadhail thu air an Eilean Sgitheaneach far an ionnsaich thu cuid de na h-òrain Ghàidhlig as ainmeile agus beagan Gàidhlig aig an aon àm. Bidh a’ bhana-sheinneadair ainmeil Christine Primrose gad theagasg, agus còrdaidh e riut, ma tha ùidh agad sna h-òrain Ghàidhlig. Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Cearcall Gàidhlig Lannraig A Tuath/Coatbridge: A h-uile ìre agus a h-uile aois aig an aon àm!! Bidh a’ bhuidheann Ghàidhlig seo a’ coinneachadh gach Disathairne 10.30m – 12.30f. Tha Cròileagan ann do chloinn fo aois 5 bliadhna, Sradagan airson clann nas sine agus fìor dheagh mheasgachadh de thachartasan is còmhradh airson inbhich, bho luchd-ionnsachaidh gu fileantaich! Agus tha a’ mhòr-chuid saor ’s an asgaidh (free)! Airson tuilleadh fiosrachaidh briog an seo. Fios gu: Gail Weir gailvalkyrie@yahoo.co.uk

Cùrsaichean Ùlpan 5-latha ann an Ìle: Tha Ionad Chaluim Chille Ìle a’ tabhann chùrsaichean cànain 5-latha agus cùrsaichean ciùil 3-latha thar mìosan an t-samhraidh. Tha cùrsaichean ann airson a h-uile duine, bho dhaoine a tha fileanta gu luchd-ionnsachaidh. Agus fhad ’s a tha thu ann an Ìle, faodaidh tu siubhal air feadh an eilein bhòidhich seo agus bi cothrom agad do chuid Gàidhlig fheuchainn air muinntir an àite!


Tha tòrr chùrsaichean ann agus tòrr a’ tachairt agus chan eil rùm gu leòr againn an seo innse dhut mun a h-uile rud, ach seo agad liosta de cheanglaichean feumail far am faigh thu tuilleadh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, agus mu mar a dh’fhaodas tu ceum eile a ghabhail gu ruige fileantas!

Sabhal Mòr Ostaig

Clì Gàidhlig

Comunn na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Fèisean nan Gàidheil

Stòrlann

BBC ALBA

Gaelic4parents


Briog an seo gus sùil a thoirt air ar n-earrainn, ‘Ag Ionnsachadh’, far am faigh thu tuilleadh fiosrachaidh is ceanglaichean.


Ìre – Adhartach/Fileanta

Tha Gàidhlig gu leòr agad a-nis, agus tha thu gu math comasach air bruidhinn no tha thu fileanta fiù ’s (’s math a rinn thu!!). Tha thu a-nis ag iarraidh do chuid Gàidhlig a chleachdadh agus tha thu ag iarraidh beagan a bharrachd ionnsachadh.


Molaidhean:

Ceòlas 4mh – 9mh Iuchar: Tha iad a’ cumail na fèise seo ann an Uibhist a Deas, eilean brèagha a chòrdas ri a h-uile duine, ma tha Gàidhlig aca, no mura h-eil! Tha diofar chlasaichean ann, bho Dhannsa Ceum gu clasaichean fìdhleireachd is Gàidhlig. Chì thu seallaidhean bòidheach, tha na daoine air leth càirdeil agus tha na cèilidhean math dha-rìribh. Mar sin, chan eil e gu diofar dè tha thu a’ coimhead air a shon, tha teansa ann gum faigh thu aig e Ceòlas. Agus tha tòrr Gàidhlig ri cluinntinn ann an Uibhist a Deas cuideachd – cleachd do chuid fhèin nuair a tha thu ann an Uibhist! Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Buidheann Còmhraidh Ghàidhlig Ghlaschu: Feumaidh sinn moladh mòr a dhèanamh air an taic a tha muinntir Ghlaschu is Meadhan na h-Alba a’ toirt don Ghàidhlig, agus tha Buidheann Còmhraidh Ghàidhlig Ghlaschu iad fhèin a’ cur ri coimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu! Thòisich an neach-ionnsachaidh Seumas Wallace a’ bhuidheann agus abair gu bheil i a’ còrdadh ri daoine! Chùm iad farpais-ceist (quiz) o chionn ghoirid ann an taigh-seinnse, agus ghabh tòrr daoine pàirt innte! Bidh a’ bhuidheann a’ coinneachadh dà thuras sa mhìos agus bidh iad a’ cabadaich ann an Gàidhlig. Gheibh thu cothrom do chuid Gàidhlig a chleachdadh agus faodaidh tu daoine a tha ag ionnsachadh a chuideachadh! Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Cùrsa Gràmair Inbhir Nis: Bidh an cùrsa seo a’ dol air adhart eadar 28-30mh Sultain, agus tha e ag amas air daoine a tha an ìre mhath fileanta no fileanta a tha ag iarraidh gum bi na sgilean gràmair aca nas fheàrr. Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Cùrsaichean Goirid airson Luchd-ionnsachaidh Adhartach aig Sabhal Mòr Ostaig: Tha Sabhal Mòr Ostaig ainmeil mar ionad ionnsachaidh airson na Gàidhlig. Chan eil e gu diofar dè an seòrsa ionnsachaidh a tha thu a’ coimhead air a shon, tha colaiste Ghàidhlig na h-Alba comasach air do chuideachadh. Tha a’ cholaiste suidhichte (situated) ann an sgìre bhrèagha san Eilean Sgitheanach, agus tha tòrr chlasaichean fìor mhath aca. Briog an seo airson tuilleadh fiosrachaidh.

Ma tha thu a-nis an ìre mhath fileanta sa Ghàidhlig, tha e cudromach gun cùm thu ort leatha agus gun cleachd thu na rudan a dh’ionnsaich thu. Ach tha e cuideachd cudromach gun còrd e riut agus gum bi thu a’ cleachdadh Gàidhlig nad bheatha a thuilleadh air leasanan. Tha tòrr chothroman ann an Alba seo a dhèanamh agus tha tòrr dhaoine laghach a bheir taic dhut! Seo agad liosta de cheanglaichean feumail is inntinneach far am faod thu ionnsachadh is leughadh sa chànan ùr agad:


Sabhal Mòr Ostaig

Clì Gàidhlig

Comunn na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Fèisean nan Gàidheil

Stòrlann

BBC ALBA

Gaelic4parents

Naidheachdan a’ BhBC ann an Gàidhlig

Gaelcast

Fòram na Gàidhlig

Briog an seo airson liosta de chuspairean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.


Còrdaidh e riut a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus bheir e tlachd dhut, agus le fàs nan coimhearsnachdan Gàidhlig, tha cùisean a’ coimhead gu math dòchasach! Cuir fios thugainn ma tha fiosrachadh agad a tha thu ag iarraidh a sgaoileadh: info@mygaelic.com!


GACH SOIRBHEAS DHUT NAD IONNSACHADH!

There are no comments on this item.

    Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

    Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

    ThaYes
    Chain eilNo
    Groups

    NaidheachdanNews

    Cuir sanas an seoAdvertise Here

    Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

    To advertise here, email advertising@mygaelic.com