Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Susbaint Neo-cheadaichte.

Ceannard ùr

Ceannard ùr aig Bòrd na Gàidhlig.

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh ann an Alba le uallach airson brosnachadh agus adhartachadh (promoting and developing) na Gàidhlig air Iain Aonghas MacAoidh fhastadh (employed, appointed) mar Cheannard (Chief Executive) ùr. Bidh Mghr MacAoidh, a tha an dràsta na Chathraiche (Chairman) air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, agus na Bhall air Bòrd na Gàidhlig, a tòiseachadh san dreuchd (position or employment) ùr aige air 1mh Sultain (September).

BNG logo

Thuirt Cathraiche (Chair) a’ Bhùird, Art MacCarmaig: “Tha sinn uabhasach fortanach cuideigin mar Iain Aonghais fhaighinn leis an eòlas (experience) a th’ aige air saoghal na Gàidhlig agus cuideachd na diofar raointean dhen t-saoghal phoblach anns an robh e air a bhith an-sàs eadar craoladh (broadcasting) agus seirbheis na Slàinte (health services). Tha e a’ toirt grunn sgilean sònraichte (specific skills) thugainn a bhios air leth feumail aig àm a tha an dà chuid adhartach agus dùbhlanach do shaoghal na Gàidhlig. Bidh e a’ togail air na leasachaidhean (developments) a tha sinn air a bhith a’ moladh agus a’ cur air adhart tron phlana airson àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh “Ginealach Ùr na Gàidhlig”, agus a gabhail an uallaich airson a bhith a’ co-òrdanachadh na tha am Bòrd a’ dèanamh an co-bhuinn ri buidhnean eile leithid ùghdarrasan ionadail (local authorities), Riaghaltas na h-Alba fhèin agus MG Alba. Tha e ann an suidheachadh math airson sin a dhèanamh leis an eòlas agus gach sgil a th’ aige agus tha fiughair againn a nis ris a’ Bhòrd a bhith a’ gluasad air adhart gu ìre obrach ùr eile le adhartas agus misneachd.”

Tha Riaghaltas na h-Alba air fàilte a chur air an naidheachd. Thuirt Ministear na Gàidhlig Fiona Hyslop: “Tha mi a’ cur fàilte air an naidheachd gu bheil Iain Aonghas MacAoidh gu bhith na Cheannard air Bòrd na Gàidhlig. ‘S e deagh naidheachd a th’ann agus tha mi cinnteach gum bi buannachd (benefit) ann dhan Bhòrd gu bheil leithid de dh’eòlas aige air beatha phoblach (public life) na h-Alba agus saoghal na Gàidhlig.”

“Tha fhios agam gu bheil Mghr MacAoidh air an aon ràmh ri Riaghaltas na h-Alba a-thaobh a bhith dùrachdach (preserving) agus adhartach nar gnothach a thaobh na Gàidhlig agus tha mi a coimhead air adhart a bhith ag obair còmhla ris mar a ghabhas sinn ceumannan eile.”

Thuirt Mghr MacAoidh: "Tha fios agam gu bheil dùbhlain (challenges) mu choinneamh Bhòrd na Gàidhlig sna bliadhnaichean a tha ri teachd (to come), ach tha cothroman againn cuideachd, agus 's math is fhiach an t-adhbhar an saothair a tha ri dhèanamh ann an coimhearsnachdan air feadh Alba. Tha mi a' coimhead air adhart ri bhi ag obair còmhla ri sgioba is Buill Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba is gach neach is buidheann fa-leth mar chompàirteachas (in partnership) ann a bhith a’ leudachadh an àireamh dhaoine a tha ag ionnsachadh is a' cleachdadh na Gàidhlig, agus gu fàilte a chur air na daoine a tha ag iarraidh tighinn as-ùr gar cuideachadh san obair sin."

A-measg (amongst) nan dreuchd agus gnothaichean anns an robh Mghr MacAoidh roimhe (before) seo bha e na Stiùiriche air Comunn na Gàidhlig agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus bha e cuideachd air fhastadh aig diofar amannan ann an saoghal margaidheachd agus leasachadh. Bha e cuideachd na thidseir.

Tha e air a bhith na Chathraiche air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar bho Ghearran 2007. Bidh Mghr MacAoidh a leigeil dheth a dhreuchd mar Cathraiche a’ Bhùird Slàinte ann an àm son an dreuchd ùr a ghabhail air 1mh Sultain.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: