Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Clàraidhean bho eachdraidh a bheir brìgh do ar latha-ne

Tobar an Dualchais logo

Làrach-lìn trì-chànanach le mìltean de chlàraidhean Albannach – le Gàidhlig, Beurla agus Albais. Ionnsaichibh tuilleadh mun làrach-lìn ùr aig Tobar an Dualchais...

Tha am pròiseact Tobar an Dualchais air mìltean de chlàraidhean Albannach a chruinneachadh bho cho fada air ais ris na 1930an. Tha sgioba Tobar an Dualchais air taghadh de chlàraidhean iongantach a chur ann an cruth didseatach, airson ’s gun urrainn don a h-uile duine èisteachd riutha agus gun tèid na bloighean prìseil fiosrachaidh seo a ghleidheadh, agus iad air an cruinneachadh bho dhaoine ann an Alba a bha mion eòlach air na cuspairean aca.

Tha iad air làrach-lìn ùr, spaideil fhoillseachadh o chionn goirid, agus tha sinne aig mygaelic.com den bheachd gum bu chòir do dhuine sam bith le ùidh ann an eachdraidh na h-Alba, beul-aithris, ceòl, òrain no cànan tadhal air an làrach. Air an làrach-lìn, gheibh sibh sgeulachdan, òrain, cèol, bàrdachd agus fiosrachadh mu eachdraidh is eile.

Fhuair iad na clàraidhean bho Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC ALBA agus Cruinneachadh Fear Chanaigh a tha fo shealbh Urras Nàiseanta na h-Alba. Tro obair Tobar an Dualchais, thèid mìltean de chlàraidhean a ghleidheadh airson nan ginealaichean ri teachd.

Tha an làrach-lìn fìor mhath – tha e furasta siubhal troimhe agus a chleachdadh le pailteas fiosrachaidh a tharraingeas sibh thuige a-rithist is a-rithist. Tha mapa air an duilleag dachaigh far am faod sibh diofar sgìrean a thaghadh, agus gheibh sibh fiosrachadh an uair sin mu na clàraidhean co-cheangailte ris na sgìrean sin. Cuideachd air an duilleag dachaigh, chì sibh dè na clàraidhean as motha ris a bheil daoine eile air a bhith ag èisteachd, agus mura h-eil sibh cinnteach dè chòrdadh ribh, faodaidh sibh taghadh a dhèanamh ‘air thuaiream’ agus ’s dòcha gun lorg sibh bloigh phrìseil de ur dualchas fhèin. Leis na goireasan seo, inneal-rannsachaidh a gheibhear ann an trì cànanan, agus fiosrachadh coitcheann mun phròiseact, tha a h-uile nì ann a dh’fheumas sibh gus dol an sàs san làrach-lìn iongantach seo, a tha làn fiosrachadh feumail is inntinneach.

Cluinnear clàraidhean àibheiseach de chuid de na seanchaidhean is eòlaichean as comasaiche a tha agus a bhà againn, agus iad a’ cur an cèill iomadh snàithlean de dhualchas na h-Alba san t-sàr chruinneachadh seo. Tha sinn a’ moladh dhuibh uile gum bu chòir dhuibh coimhead air an làrach-lìn seo, oir chan eil a shamhail ann, agus e a’ cur thairis le fiosrachadh agus ealain de dh’iomadh seòrsa. ’S e stòras de ghliocas ar sinnsearan a th’ ann an seo, agus chailleadh duine sam bith an sùim ga shiubhal.

Gus tadhal air làrach-lìn Tobar an Dualchais – briogaibh an seo

  • What a treasure... posted by Anamfae

    Dear Sirs/Ladies,
    This sounds like a huge treasure for those studying Gaelic. I hope this continues--and keeps an ancient legacy alive.
    Peace,
    Tina

Follow us on: