Tha Tobar an Dualchais air mìltean de chlàraidhean Albannach a chruinneachadh, agus tha feadhainn dhiubh a’ dol air ais gu na 1930an. Chuir Tobar an Dualchas clàraidhean ann an cruth didseatach (digital format), oir bha iad ag iarraidh gum b’ urrainn dhan a h-uile duine èisteachd riutha. Cuideachd bha iad ag iarraidh am fiosrachadh prìseil (valuable) a ghleidheadh (preserve). Anns na clàraidhean tha fiosrachadh bho dhaoine ann an Alba a bha gu math eòlach air na cuspairean aca.
Dh’fhoillsich (published/but can mean launched) Tobar an Dualchais làrach-lìn ùr sgoinneil o chionn goirid, agus ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh na h-Alba, beul-aithris (folklore), ceòl, òrain no cànan, bu chòir dhuibh coimhead air an làrach-lìn. Gheibh sibh sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd, fiosrachadh mu eachdraidh agus gu leòr eile.
Fhuair Tobar an Dualchais na clàraidhean bho Sgoil Eòlais na h-Alba (School of Scottish Studies) (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC ALBA agus bho chruinneachadh aig Urras (Trust) Nàiseanta na h-Alba. Tha Tobar an Dualchais a’ dèanamh cinnteach gum faod an ath ghinealach (generation) èisteachd ris na clàraidhean seo.
Tha an làrach-lìn seo uabhasach math – tha e furasta rudan a lorg agus tha tòrr fiosrachaidh ann, agus tillidh sibh thuige a-rithist agus a-rithist. Tha mapa air an duilleag dachaigh far am faod sibh diofar sgìrean (regions) a thaghadh, agus gheibh sibh fiosrachadh an uair sin mu na clàraidhean co-cheangailte (connected) ris na sgìrean sin. Cuideachd air an duilleag dachaigh, chì sibh dè na clàraidhean ris an robh tòrr dhaoine ag èisteachd. Agus mura h-eil sibh cinnteach dè tha sibh ag iarraidh, faodaidh sibh ‘air thuaiream’ (random/lucky dip) fheuchainn. Tha na rudan seo, agus dòigh rannsachaidh (search) far am faod sibh trì cànanan a chleachdadh (Gàidhlig, Beurla agus Albais), agus fiosrachadh mun phròiseact fhèin a’ ciallachadh gu bheil e furasta an làrach-lìn seo a chleachdadh, agus gheibh sibh tòrr fiosrachaidh feumail agus inntinneach.
Cluinnidh sibh clàraidhean mìorbhaileach de chuid de na daoine as comasaiche agus as fiosraichte a tha, agus a bhà, againn ann an Alba. Tha iad ag innse agus a’ seinn mu eachdraidh is dualchas na h-Alba. Bu chòir dhuibh coimhead air an làrach-lìn seo, oir tha tòrr fiosrachaidh is òrain phrìseil rin cluinntinn.
Gus tadhal air làrach-lìn Tobar an Dualchais – briogaibh an seo
What a treasure... posted by Anamfae
Dear Sirs/Ladies,
This sounds like a huge treasure for those studying Gaelic. I hope this continues--and keeps an ancient legacy alive.
Peace,
Tina