Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Do Shinnsirean

le mygaelic.com

Tha sinn uile air faighneachd dhinn fhìn, cò-dhiù aon turas, cò leis mi, no cò dha a bhuineas mi? Tha i air aon de na ceistean as nàdarra a th’ ann. Ma tha sinn fortanach, bidh cuideigin san teaghlach as urrainn innse dhuinn cò bh’ anns na sinnsirean againn, air ais gu ar sinn-seanair no sinn-seanmhair co-dhiù. No ’s dòcha gu bheil duine san teaghlach aig a bheil eòlas air sloinntearachd, do shloinneadh a tha a’ dol air ais ginealach às dèidh ginealach a rèir nòs nan Gàidheal. Rudeigin mar Dòmhnaill Sheonaidh Dhòmhnaill ’ic Ruaraidh Bhàin. Nach eil cuid a dhaoine ann fhathast le sloinneadh a’ dol air ais gu Cùil Lodair!

Ma tha thu san àbhaist ge-tà, tha stòiridhean agad mu shinnsear, a chaidh innse dhut: ’s dòcha cuideigin a thàinig às an Fhraing, no a bha ri taobh an Rìgh aig blàr air choreigin, no a dh’fhalbh a Chanada o chionn 100 bliadhna. Mar as trice, chan eil dòigh againn dearbhadh dè an fhìrinn a th’ ann air cùl cuid de na stòiridhean seo a tha aig gach teaghlach. Sin far a bheil sloinntearachd gar cuideachadh. Tha e nas fhasa an-diugh na bha e riamh beagan rannsachaidh a dhèanamh air do theaghlach, feuch a bheil thu càirdeach do Rìgh Frangach no Seanalair ainmeil?

Tha seirbheisean ann far am faod thu do shinnsirean ann an Alba a rannsachadh air-loidhne, agus tha grunn chompanaidhean is goireasan air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a chuidicheas tu le bhith rannsachadh do shinnsirean Gàidhealach. Ged a tha Gàidhlig agad, ’s dòcha nach robh thu a’ smaoineachadh gur ann à teaghlach Gàidhlig a thàinig thu. Dh’fhaodadh gu bheil Gàidheil agus Gàidhlig nad fhuil, carson nach coimhead thu airson do thaobh Gàidhlig?

Ceanglaichean Sloinntireachd:

Rowan Tree Consulting -Companaidh a’ tabhann turas agus thu a’ lorg do chuid shinnsirean

Ancestral Scotland

Ar Turas - Companaidh rannsachaidh bho Inbhir Nis

Genealogy Links - Ceanglaichean Sloinnteareachd - Inneal rannsachaidh

Comhairle na Gàidhealtachd - Eachdraidh Theaghlaichean

Comann Sloinnteareachd na h-Alba

Do Chuideachd Albannach - Companaidh rannsachaidh

Foillsichidhean Bill Lawson - A’ coimhead air Sloinnteareachd anns an h-Eileanan Siar

Freumhan Innse Gall - Làrach-lìn a’ coimhead air sloinnteareachd anns na h-Eileanan Siar

A’ lorg do Shinnsirean Albannach - Fiosrachadh mu shloinnteareachd

Ionad Chlann Dòmhnaill

Ionad Tadhail Seallam - Ionad Rannsachaidh airson Sloinnteareachd anns na h-Eileanan Siar

Muinntir na h-Alba - Goireas oifigeil bhon Riaghaltas

Sloinntireachd Chola

Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

ThaYes
Chain eilNo
Groups

NaidheachdanNews

Cuir sanas an seoAdvertise Here

Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

To advertise here, email advertising@mygaelic.com