Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Do Shinnsirean Genealogy GenealogyDo Shinnsirean
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Bidh sinn uile a’ faighneachd dhinn fhèin uaireannan, cò leis mi (who are my people, literally who do I belong to)? Ma tha sinn fortanach, bidh cuideigin anns an teaghlach againn as urrainn innse dhuinn cò na sinnsirean (ancestors) a bh’ againn. No ’s dòcha gum bi cuideigin anns an teaghlach againn a tha eòlach air sloinntireachd (patronymics/can also mean genealogy), ’s e sin an seòrsa ainm a chluinneas tu a tha a’ dol air ais trì na ceithir ginealaich (generations). Rudeigin mar, Dòmhnall Sheonaidh Dhòmhnaill ’ic Ruaraidh Bhàin: ’s e sin Dòmhnall mac Sheònaidh a bha na mhac aig Dòmhnall a bha na mhac aig Ruaraidh Bàn. Tha cuid de dhaoine ann le sloinneadh (patronymic) a tha a’ dol air ais gu Cùil Lodair!
Tha sgeulachdan aig tòrr theaghlaichean air daoine san teaghlach a thàinig às an Fhraing ’s dòcha, no a bha aig blàr (battle) ainmeil air choireigin. Gu math tric chan urrainn dhut faighinn a-mach a bheil an sgeulachd fìor. Ach faodaidh sloinntireachd (genealogy) a bhith gu math cuideachail airson a bhith faighinn a-mach mu do theaghlach. Tha e nas fhasa an-diugh na bha e riamh an teaghlach agad a rannsachadh (investigate).
Tha goireasan (resources) ann air-loidhne (online) agus tha companaidhean anns a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan a chuidicheas tu. ’S dòcha gu robh tòrr Gàidhlig san teaghlach agad. ’S dòcha gu bheil Gàidhlig anns an teaghlach agad – siuthad lorg i!
Rowan Tree Consulting - An Caorann - Companaidh a tha a’ tabhann (offering) turas agus thu a’ lorg do chuid shinnsirean
Ar Turas - Companaidh rannsachaidh (research) bho Inbhir Nis
Genealogy Links - Inneal rannsachaidh (research tool
Comhairle na Gàidhealtachd - Comhairle na Gàidhealtachd – Eachdraidh Theaghlaichean (Family History)
Comann Sloinnteareachd na h-Alba
Do Chuideachd Albannach - Companaidh rannsachaidh (research)
Foillsichidhean Bill Lawson -A’ coimhead air Sloinnteareachd (Genealogy) anns an h-Eileanan Siar
Freumhan Innse Gall - Làrach-lìn (website) a’ coimhead air sloinnteareachd (genealogy) anns na h-Eileanan Siar
A’ lorg do Shinnsirean Albannach - Fiosrachadh mu shloinnteareachd
Ionad Tadhail Seallam - Ionad Rannsachaidh airson Sloinnteareachd (Genealogy Research Centre) anns na h-Eileanan Siar
Muinntir na h-Alba - Goireas (resource) oifigeil bhon Riaghaltas (Government)