Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Belladrum

FESTIVALS AND CEILIDHS Festival

Faigh tuilleadh fiosrachaidh mun fhèis shònraichte seo agus innsidh sinn dhut carson a bu chòir dhut a dhol ann!

Thathar a’ cumail na fèise, Belladrum, faisg air a’ Mhanachainn agus i air a cuairteachadh le bòidhchead iongantach na Gàidhealtachd, agus a thuilleadh air na sealldaidhean eireachdail, bidh cothrom agad èisteachd ri feadhainn den luchd-ciùil as fheàrr a th’ ann. Air sgàth seo uile, bidh thu air do dhòigh agus faodaidh tu cùisean a ghabhail air do shocair aig an fhèis seo, fèis a tha bonntaichte air dealas agus smior muinntir na h-Alba.

A bharrachd air a’ cheòl is bòidhchead na sgìre, bidh grunn thachartasan an lùib Belladrum, a thèid a chumail air 6mh is 7mh Lùnastal, far an cluinn thu daoine a’ bruidhinn. Thèid deasbadan, òraidean agus agallamhan a chumail aig an fhèis sgaiteach seo. Feuch gun èist thu ri agallamhan sgoinneil a thèid a chumail le leithid DEREK ADAMS (am Manaidsear aig Ross County FC), TAM BAILLIE (Coimiseanair na Cloinne) agus cuideachd le feadhainn den luchd-chiùil fhèin!

Chan eil rian nach còrd an fhèis àibheiseach seo riut, a tha coltach ri Glastonbury aig Tuath. Mas toil leat uisge-beatha... faodaidh tu a bhith a’ blasad uisge-beatha. No am b’ fheàrr leat rudeigin beagan nas dùbhlanaiche? Faodaidh tu an t-slighe airson baidhsagalan-beinne fheuchainn. Tha farpais aodach-brèige ann fiù ’s – agus ’s e cuspair na bliadhna-sa ‘Tìr nan Òg’... mar sin leig le do mhac-meanmna siubhal!

Tha Belladrum a’ frithealadh air gach aois agus gach duine, gheibh thu raghadh is taghadh de nithean ceòlmhor is craicte! ’S math as fhiach e a dhol ann!


Nan còrdadh e riut paidhir thiogaidean a bhuannachadh airson fèis na bliadhna-sa briog an seo

Fàg beachd gu h-ìosal agus innis dhuinn ma tha thu a’ dol ann no ma bha thu ann roimhe! Innis dhuinn dè thachair... oir ma bha thu fortanach agus gun robh thu aig Belladrum mu thràth, tha fhios gu bheil sgeulachd no dhà agad!!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: