- BeurlaEnglish
- Simple GaelicSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Belladrum
Faigh tuilleadh fiosrachaidh mun fhèis shònraichte seo agus innsidh sinn dhut carson a bu chòir dhut a dhol ann!
Tha an fhèis Belladrum a’ tachart faisg air a’ Mhanachainn (Beauly, literally in Gaelic the Monastery/Priory). Mar sin bidh cothrom agad èisteachd ri ceòl air leth math agus aig an aon àm bidh cothrom agad coimhead air na seallaidhean brèagha a chì thu air a’ Ghàidhealtachd. Faodaidh tu fois a ghabhail aig an fhèis seo, agus còrdaidh e riut.
A bharrachd air a’ cheòl is bòidhchead na sgìre, bidh grunn thachartasan aig Belladrum, a thèid a chumail air 6mh is 7mh Lùnastal, far an cluinn thu daoine a’ bruidhinn. Thèid deasbadan, òraidean (lectures) agus agallamhan (interviews) a chumail aig an fhèis sgoinneil seo. Feuch gun èist thu ri agallamhan fìor mhath a thèid a chumail le leithid DEREK ADAMS (am Manaidsear aig Ross County FC), TAM BAILLIE (Coimiseanair na Cloinne) agus cuideachd le feadhainn den luchd-chiùil fhèin!
Tha sinn cinnteach gun còrd an fhèis seo riut. Mas toil leat uisge-beatha... faodaidh tu uisge-beatha fheuchainn! Ma tha thu ag iarraidh a bhith a-muigh air a’ mhonadh, faodaidh tu a dhol air an t-slighe airson baidhsagalan-beinne (mountain bikes). Agus tha farpais aca airson aodach-brèige (fancy dress) – agus tha iad ag iarraidh ort smaoineachadh air a’ chuspair ‘Tìr nan Òg’ nuair a tha thu a’ smaoineachadh air aodach. Mar sin tha tòrr rudan a dh’fhaodadh tu a chur ort!
Tha Belladrum freagarrach airson a h-uile duine, agus gheibh thu measgachadh de rudan annasach agus math ann! Bu chòir dhut a dhol ann!
Nan còrdadh e riut paidhir thiogaidean a bhuannachadh airson fèis na bliadhna-sa briog an seo
Fàg beachd gu h-ìosal agus innis dhuinn ma tha thu a’ dol ann no ma bha thu ann roimhe! Innis dhuinn dè thachair... oir ma bha thu fortanach agus gun robh thu aig Belladrum mu thràth, tha fhios gu bheil sgeulachd no dhà agad!!

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.