mygaelic.com user-contentmygaelic.com user-content
- An Stuth AgaibhseYour stuffYour stuffAn Stuth Agaibhse
- Am Facal Ùr Am Facal Ùr
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Am Facal Ùr
Thog Màiri a màileid-sgoile agus rinn i air an taigh, osna sgìths a’ tighinn o beul. Cha b’ e nach robh i toilichte bhith a’ dol dhachaigh, seach gu robh aice ri aiste a sgrìobhadh dhan tidsear a-nochd. O a Thì... o uill, cha robh dol às aice – rachadh i dhachaigh agus dhèanadh i toiseach-tòisichidh air an aiste.
Fhad ‘s a bha i a’ coiseachd, thàinig smuain a-steach oirre: gu dè am facal sin a bh’ aig an tidsear? Am facal a bu chòir dhi cleachdadh mar thiotail a h-aiste? Cha robh sìon a chuimhne aice. O uill.
‘S e sin a thuirt na tidsearan – nach robh sìon a dh’ fheum innte thaobh comas na cuimhne. Huh! Abair fhèin – bidh cuimhne agamsa air na thuirt iad!
Nuair a nochd i aig an doras, cha robh coltas beò sam bith air an taigh. Hm! Cà’ robh a h-uile duine? Mam agus an cù bàn? Ghabh i steach. Bha nòta sgrìobhte air a’ bhòrd sa chidsean: “Bidh cuimhne agad gu bheil mi a’ toirt Ladaidh [sin agad an cù] agus do phiuthar bheag sìos gu pàirc a’ bhaile. Air ais a dh’ aithghearr. Mam.”
Hm! Cha robh cuimhne aice gu ruige sin. O uill – cheart cho math m’ aiste a dhèanamh an-dràsta. Chaidh i suas gu seòmar fhèin agus shuidh i aig bòrd beag flùrach. Thog i peann agus chuir i e ris a’ phàipear bhàn a bha roimpe. Pàipear bàn... a bha cheart cho bàn ri smuaintean a cinn. Dè tha mi dol a dhèanamh? Chuir i roimpe dèanamh mar a rinn i an còmhnaidh – a toil fhèin. Thòisich an sgrìobhadh cha mhòr sa bhad.
Cha robh sìon a dh’ fhios aice dè cho fada ‘s a bha i air suidhe ann. Cha robh i cinnteach a bharrachd mu dèn uair a bha e agus dè cho fad ‘s a bha i air a bhith na cadal. Cha do bhodraig i ris a’ ghleoc bheag fhlùrach ri taobh a bùird. Chaidh i sìos dhan a’ chidsean. Cha robh sgeul air duine, pàiste no cù.
Hmph!
Thòisich i air fàs car feargach. Dh’ fhairich i mar nach fhaca i duine leis na cianta. Agus bha niste acras a’ cur dorrain oirre cuideachd. Thug i sùil mu thimcheall a’ chidsin – cha robh càil ri fhaighinn sna preasan. Huch! Dh’ fheumadh i dol sìos gu bùth a’ bhaile.
Fhuair i trolaidh agus shiùbhail i eadar na sgeilpichean. Thòisich daoine a’ bruidhinn rithe. Cò iad? Bha i daonnan gun chuimhne aice orra – bha Mam na b’ fheàrr a thaobh ainmean dhaoine. Ach ‘s ann a thòisich iad a’ faighneachd mu màthair. Dè fios a bh’ aice-se?
Dè gu dearbh.
Thàinig pian na ceann. Pian cianail. Teas a’ bhùth... na daoine uile... bha tuainealas a’ tighinn oirre. Carson nach fhàgadh iad i! Sguir! Sguir! Sguir!
Dhùisg i ann an leabaidh ospadail.
Bha banaltram agus dotair a’ coimhead oirre. Chunnaic iad gu robh i na dùisg agus thòisich iad a’ bruidhinn rithe. Gu dè? Dè bha iad ag ràdh?
“Nach eil cuimhne agad a Mhàiri? Air na thachair?”
Bha niste.
An là cianail a bha sin, na bliadhnaichean air ais.
Thill i dhachaigh agus cead a cinn aice. Air ais dhan taigh fhalamh. Air ais sa chidsean, far an robh nòta màthar fòs na laighe air a’ bhòrd. An rud mu dheireadh a sgrìobh i chuice, a nighean òg.
Ri taobh a’ nòta bha pìos gearrta a-mach à pàipear-naidheachd: Gearran 1989. Tubaist a dh’ fhàg pàiste gun mhàthair gun athair, gun phiùthair ‘s gun fiùs cù. Beatha ùr le càirdean thall an Canada.
Thàinig a h-uile rud a-steach oirre a-nist, agus b’ e smuaintean a’ chianalais a thug gach rud air ais.
B’ e sin am facal ùr.
Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.