Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

  • BeurlaEnglish
  • Simple GaelicSimple Gaelic
  • GàidhligGaelic

An Iarla Moireibh

le Padraigin

Seo a’ pìos a sgrìobh mi airson Cothrom.

Tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Dealgadaidh airson gu bhith dà bhliadhna gu leth. ‘S e baile beag a th’ ann. B’ àbhaist dhan fhearann a bhith fo sheilbh an Iarla Mhoireibh agus tha an t-ainm a’ nochdadh fhathast ann an ainm sràid “Moray Way”.

Tha am baile suidhichte faisg air Fhoirthe is ‘s e àite brèagha a th’ ann. Tha mu 11,000 daoine a’ fuireach ann ach eadar na taighean tha mòran àiteachan uaine is coilltean beaga. Faisg air an taigh agam fhìn tha taigh air a bheil an t-ainm “Donibristle”. ‘S ann aig Iarla Mhoireibh a bha an taigh uaireigin ach chan eil sgeul air an taigh sin a-nis. Tha togalach eadar-dhealaichte air an làrach.

‘S dòcha gu bheil sibh air an òran “The Bonnie Earl of Moray” chluinntinn ach a bheil sibh eòlach air an sgeulachd air cùl an òrain? Chan eil? Uill, seo agaibh e.

Fhuair Seumas Stiùbhart, mac Iarla an Dùin an tiotal “Iarla Mhoireibh” ann an 1581 nuair a phòs e an nighean a bu shine aig aig a’ chiad iarla. A bharrachd air an tiotal fhuair e cuideachd oighreachdan ann an ceann a tuath Alba. Aig an àm sin bha Seòras, an siathamh Iarla Hunndaidh leis am far-ainm “Coileach a’ Chinn a Tuath”, na cheann-cinnidh aig na Gòrdanaich. Cha robh esan air a dhòigh idir iarla ùr. Smaoinich e gu bheil Seumas a’ feuchainn ri gluasad a-steach dhan sgìre aige fhèin Thoisich nàimhdeas searbh eatarra.

Ach bha nàimhdean eile aig an Iarla Mhoireibh, nam measg bhathar ag ràdh, an rìgh Seumas VI. Chuala an Rìgh gun robh an t-Iarla ag obair an aghaidh an co-bhuinn ris a’ cho-ogha aige, Iarla Bhothwell. Bha an fhearg dhubh air agus dh’iarr e air an Iarla Hunndaidh Iarla Mhoireibh a chur an greim. Aig an àm sin bha am Moireach a’ fuireach ann an taigh aig a’ mhàthair, Donibristle ann am Fìobh. Chan ann caisteal a bh’ ann ach taigh mòr tuathanaich, agus cha robh e furasta a dhìon. Cha robh na bhroinn ach an t-Iarla fhèin, Pàdraig Dunbar agus beagan luchd-leantainn.

Chuir Hunndaidh teachdaire air adhartas le iarrtas còmhradh a chumail, ach chaidh a mharbhadh le gunna. An uair sin, chuir na daoine aig Hunndaidh cruachan-fheòir timcheall air an taighe agus chuir iad teine riutha.

Dè dhèanadh Iarla Mhoireibh? Chuir na fir romhpa briseadh a-mach. Chaidh Pàdraig Dunbar a-mach an toiseach gus aire tharraing bhon iarla. Aig an aon àm, theich Iarla Mhoireibh tro geata faisg air a’ chladaich. Bha e an dòchas àite-falaich fhaighinn am measg nan creagan. Ach chaidh pìos de a chuid aodaich na theine is chunnaic feachd Hunndaidh e. Chaidh iad an tòir air is mharbh iad e! Tha dealbh a chuirp leòinte fhathast ri fhaicinn ann an Caisteal Taranaich (Darnaway Castle) ann am Moireibh.

Seo pìos beag dhen òran;

Ye Highlands and ye Lowlands, Oh, where ha’e ye been? They ha’e slain the Earl of Moray, And they laid him on the green…

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: