Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Coisinn cliù

Donaidh Rothach, Julie Fowlis, Karen NicMhathain, Calum Ceannadach, Cairistìona Primrose, Màiri Nic a’ Ghobhainn, Mairead Stiùbhart, Seumas Greumach, Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein, Jenna Chuimeineach, Kirsteen NicDhòmhnaill: dìreach cuid de na daoine a choisinn cliù dhaibh fhèin thar nam bliadhnaichean tro cheòl Gàidhlig. An uair sin tha Gàidheil eile nach eil a’ seinn ach a tha air sàr thàlantan a nochdadh air diofar ionnstramaidean, leithid na pìobairean Dòmhnallach à Gleann Ùige, Blair Douglas air a’ bhogsa, an teaghlach MhicEanraig, agus mar sin adhart.

Bho Chalum Ceannadach, nach maireann, a choisinn am bonn òr aig a’ Mhòd ann an 1953, agus a nochd air telebhisean agus air feadh an t-saoghail a’ seinn ann an Gàidhlig agus Beurla, gu seinneadairean òga mar Seumas Greumach agus Jenna Chuimeineach, tha seinn thraidiseanta ann an Gàidhlig air cliù a chosnadh do dh’iomadh neach. Le Runrig, agus Donaidh Rothach air an ceann, chunnaic sinn a’ chiad chòmhlan roc ainmeil bho na Gàidheil, agus le prògraman nuadh-cheòl mar Rapal air an telebhisean a-nis tha cothroman gu leòr do chòmhlain ùra roc is eile ainm a dhèanamh dhaibh fhèin.

Cò an ath dhuine a tha a’ dol a chosnadh ainm dhaibh fhèin tro cheòl Gàidhlig, thusa? Seo agad taghadh de cheòl bho shàr luchd-ciùil na Gàidhlig, agus cothrom a bhith nam measg. Carson nach cuir thu clàradh didseatach no film thugainn le do chuid ciùil Gàidhlig? Siuthad, ’s dòcha gur e seo a’ chiad cheum agad gu cliù agus soirbheas!

Follow us on: