Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Coisinn cliùBe Famous Be FamousCoisinn cliù
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
Donaidh Rothach, Julie Fowlis, Karen NicMhathain, Calum Ceanadach, Cairistìona Primrose, Màiri Nic a’ Ghobhainn, Mairead Stiùbhart, Seumas Greumach, Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein, Jenna Chuimeineach, Kirsteen NicDhòmhnaill: dìreach feadhainn (some) de na seinneadairean Gàidhlig ainmeil. An uair sin tha luchd-ciùil (musicians) ainmeil le Gàidhlig, daoine mar na bràithrean Dòmhnallach à Gleann Ùige agus Blair Douglas, a bhios a’ cluich a’ bhogsa.
Tha tòrr dhaoine air fàs ainmeil tro cheòl Gàidhlig, daoine mar Calum Ceanadach nach maireann (the late) a bhuannaich (won) am bonn òr aig a’ Mhòd ann an 1953, agus a bha a’ seinn air telebhisean. Tha seinneadairean òga mar Seumas Greumach agus Jenna Chuimeineach ainmeil an-diugh cuideachd airson a bhith a’ seinn òrain thraidiseanta. An uair sin tha Donaidh Rothach agus Runrig ainmeil airson ceòl roc Gàidhlig, agus tha còmhlain-chiùil (bands) ùra a’ faighinn cothrom cluich air a’ phrògram rèidio agus telebhisean, ‘Rapal’.
A bheil thusa ag iarraidh a bhith ainmeil tro cheòl Gàidhlig? Cluinnidh tu gu h-ìosal feadhainn den luchd-ciùil Ghàidhlig a tha ainmeil. Cuir clàradh (recording) no film thugainn anns a bheil thu fhèin a’ seinn no a’ cluich, agus faodaidh tu a bhith nochdadh (appear) an seo cuideachd.