Do ShinnsireachdGenealogy
- Do ShinnsireanGenealogyGenealogyDo Shinnsirean
- Àiteachan far an cluinnear GàidhligGaelic Places Gaelic PlacesÀiteachan far an cluinnear Gàidhlig
Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Mar a tha an t-òran ag innse dhuinn: “Thig thugainn, thig còmhla rium gu siar, gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.” Tha seo fhathast an ìre mhath fìor an-diugh, ’s ann san iar a tha as motha de Ghàidheil a’ fuireach, air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-eileanan. A-mach à mu 58,000 duine a tha a’ bruidhinn Gàidhlig ann an Alba, tha mu 40,000 dhiubh a’ fuireach ann an Roinn na Gàidhealtachd, sgìre Comhairle nan Eilean Siar agus sgìre Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Tha gu leòr de Ghàidheil fhathast a’ fuireach air an dùthaich, ach tha àireamh mhath dhiubh cuideachd a’ fuireach ann am bailtean mòra, le mìltean ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Inbhir Nis.
’S e àireamh nach eil cho furasta a dhearbhadh, cia mheud duine a tha a’ bruidhinn Gàidhlig ann an dùthchannan eile air feadh an t-saoghail. Tha na Gàidheil air sgapadh fad is farsaing, tha daoine bho thall thairis air Gàidhlig ionnsachadh, agus tha coimhearsnachd bheag de Ghàidheil fhathast ann an Canada. Cò aig a tha fios cia mheud duine le Gàidhlig a tha a’ fuireach ann an Sasainn, no cia mheud duine sa Ghearmailt a tha air Gàidhlig ionnsachadh? Faodaidh tu ràdh gum faod dithis Ghàidheal tachairt ri chèile ann an àite sam bith air an t-saoghal!
Agus tha dòigh eile a chluinneas sinn Gàidhlig ann an àiteachan: cluinnidh sinn Gàidhlig ann an iomadh ainm-àite ann an Alba, agus cluinnidh sinn Gàidhlig ann an ainmean cruinn-eòlais ann an Alba. Dè th’ ann an Calton Hill ann an Dùn Èideann ach Cnoc Challtainn, Portree ach Port Rìgh san Eilean Sgitheanach, Inverness ach Inbhir Nis, agus iomadh ainm eile, dè th’ annta ach ainmean a tha a’ tighinn beò tro Ghàidhlig. Tha an aon rud fìor mu iomadh beinn, gleann agus loch. Gu dearbh, tha na h-ainmean Gàidhlig seo a’ cur an cèill cruth-tìre na h-Alba do luchd na Beurla, tha iad cho daingeann ris an tìr fhèin a tha iad a’ mìneachadh.
Ann am bùth, san sgoil, air an t-sràid, ann an club-oidhche, air telebhisean, air mullach beinn, às an tìr fhèin cha mhòr: cluinnidh tu Gàidhlig.