Language Help

Mheud an teacsText size A A A

Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic

Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups

Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh san Dàmhair 2011

This page was last updated in October 2011

Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.

For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.

Bliadhna nan Òran agus Òran na Bliadhna

Thug sinn soraidh slàn do bhliadhna eile, agus cuideachd thàinig crìoch air Bliadhna nan Òran aig BBC Alba – agus abair bliadhna!

Ann an 2010 chomharraich BBC Alba Bliadhna nan Òran. Chruinnich an làrach-lìn (link) cruinneachadh farsaing de dh’òrain Ghàidhlig, clàraidhean agus fiosrachadh mu na seinneadairean. Tha an làrach-lìn mar dhìleab aig daoine agus mar ghoireas air leth feumail do dhuine sam bith le ùidh ann an òrain is dualchas nan Gàidheal.

Cuideachd fhuair am pròiseact duais airson Seirbheisean do Cheòl na Gàidhlig aig na TRADS aig MG ALBA.

Às dèidh bliadhna de bhith a’ cruinneachadh òrain, fhuair am mòr-shluagh cothrom na h-òrain a b’ fheàrr leotha a thaghadh. Agus a-mach às an dusan a bha air a’ gheàrr-liosta, b’ e An Eala Bhàn a thug bàrr air càch!


A’ chiad còig

• 1. An Eala Bhàn

• 2. Nam Aonar le mo Smuaintean

• 3. Tha an Gràdh Seo Cho Làidir

• 4. Eilean Beag Donn a' Chuain

• 5. Thig Trì Nithean Gun Iarraidh


Gus coimhead air an dusan òran a b’ fheàrr a bh’ ann riamh a rèir nan bhòtaichean, agus gus coimhead air an làrach-lìn sgoinneil aca, briog an seo

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Follow us on: