Bàrdachd
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Bha bàird Ghàidhlig riamh cudromach ann an cultar nan Gàidheal. Bhiodh na Gàidheil a’ toirt urram (honour)mòr dhaibh. Bha na bàird a’ cuimhneachadh air eachdraidh agus dualchas (heritage) anns a’ bhàrdachd aca, agus bhiodh iad a’ dèanamh bàrdachd mu dheidhinn rudan a thachair sa bhaile. Bha àm ann nuair a bhiodh bàird ann an tòrr de na bailtean air a’ Ghàidhealtachd, agus bhiodh na h-òrain agus a’ bhàrdachd aca a’ còrdadh ri daoine gu mòr aig cèilidhean.
Tha bàrdachd fhathast gu math cudromach an-diugh. Tha na bàird ag iarraidh oirnn smaoineachadh, agus bidh a’ bhàrdachd aca èibhinn (funny), brònach (sad) agus uaireannan bidh i coltach ri ceòl, agus uaireannan eile bidh i coltach ri còmhradh.
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – 1700an
Bha tòrr bhàird mhatha a’ sgrìobhadh nuair a bha Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair beò anns na 1700an. ’S e Dòmhnallach a bh’ ann an Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair bho Chlann Raghnaill, agus tha cuid de dhaoine a’ smaoineachadh gur e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair am bàrd Gàidhlig as fheàrr. Bhiodh e a’ sgrìobhadh mu dheidhinn gaol, poilitigs, nàdar (nature) agus Gàidhlig fhèin.
Somhairle MacGill-Eain – 1900an
Ma tha daoine eòlach air bàrdachd Ghàidhlig, bidh iad eòlach air Somhairle MacGill-Eain. Tha e cho ainmeil ri bàrd Gàidhlig sam bith, ach a-rithist bha tòrr bhàird mhatha eile a’ sgrìobhadh aig an aon àm. Ach canaidh gu leòr de dhaoine gur e Somhairle MacGill-Eain am bàrd Gàidhlig as ainmeile air an t-saoghal (in the world). Tha spèis mhòr (great esteem) aig na Gàidheil fhèin dha.
Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail – An-diugh
Tha Aonghas MacNeacail às an Eilean Sgitheanach agus tha e ainmeil mar bhàrd Gàidhlig. Bidh Aonghas a’ sgrìobhadh rudan eile cuideachd, rudan mar sgriobtaichean (scripts) airson rèidio agus film agus bidh e a’ sgrìobhadh òrain cuideachd. Bidh e a’ sgrìobhadh mu dheidhinn diofar chuspairean, agus ged a tha dualchas (heritage) na Gàidhlig cudromach dha, gu math tric bidh e a’ cleachdadh stoidhlichean (styles) ùra.
Meg Bateman – An-diugh
Thogadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann, agus dh’ionnsaich i Gàidhlig. Tha i a-nis na h-òraidiche (lecturer) ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. Tha a’ bhàrdachd aice gu math fosgailte, agus gu math tric bidh i a’ sgrìobhadh mu dheidhinn chuspairean gu math pearsanta (personal).

